Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
39
An Camashronach garg o 'n Earrachd,
Mur ursainn chatha 's na blaraibh ;
Dh' aontaich sinn mur aon 'sa bhatailt,
Le faobhar lann sgaiteach st^iHnn ;
Cha bu ghniomh le 'r laoich gui) taise,
Fantail air an ais 'sa 'n lamhach.
Bhruchd na naimhdean le 'n trom chàdaibh,
Air muin chaich a' barqadh teine ;
'Nuair fhuair Sasunnaich droch caradh,
Phill iad o 'n araich na 'r coinn^adh ;
Ghlaodh Eabacrombaidh ri chuid armuinn,
Tairngneadh na Gaidheil mu 'n coinneadh ;
'S tionndaidh iad an ruaig mur b'abhaist,
An dream ardanach neo fhoiUeil.
Greasad air an aghairt 'sa 'n araich
Ghluais na saighdeirean nach pillte,
Mur iolairean guineach gun chaoimhneas,
Nach b' f hurasta chlaoidh le mio-mhodh ;
Thug iad sgrios orra mur bhoillsgeadh
Dealanaich, ri oidhche diHnn ;
Ri sior iomain romp' na 'n naimhdean,
'S neul fal' air roinn am picean.
'Nuair a dh' iondrain 9. chonspuinn
Moir-fhear Gordan o uchd bualta ;
'Sa chual iad gu 'n robh e leointe,
Dh' ìiraich iad le deoin an tuasaid ;
Mur mhaoim do thuil na 'm beann mora
Bruchdadh o na neoil mu 'r guaiUibh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spoltadh,
Gu fuilteach, mhor-bbuiUeach, gruama,ch.
Bha Camshronaich an tus a chatha,
Air an losgadh mur an ciadna;
c4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence