Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
41
Thug na leoghuinn bhorba nimheil,
Bu cholgail seallamh fo 'n arma ;
Ri sgiursadh naimhdean mur f halusg,
A's driuchdan fallais air gach calg dhiu ;
'S bha na Frangaich bruchdadh fala,
Cul ri talamh anns* a ghainmheich.
Mur neoil fhuilteach air an riasladh,
Le gaoth a b' largalta seideadh ;
Ruith na 'm baidibh, ceigeach, liath-ghorm,
'N deigh an cHathadh as a cheile ;
Chithte na naimhdean gun riaghailt,
Teicheadh gu dian o uchd streupa ;
*S iad a leaghadh air ar bialadh,
Mur shneachd am fiadhnuis na greine.
Ged a phiU sinn o an duthaich,
Cha do mhill sinn ar cliuth an cruadal ;
Bha sinn gach la ga 'n sgiùrsadh ;
Mur chaoiribh aig cu ga 'n ruagadh,
Dh' aindeoin an cuid sloigh gun chunntas,
Tigh 'n o 'n Fhraing as ur g' ar bualadh ;
Bu leisg argaisgich gu tionndadh,
'Nuair a chord an Diuc ri *n uaislean.
Nis o*n chuir iad sinn do Shasunn,
Ghabhail ar cairtealan geamhraidh,
Far am faigh sinn leann am paiiteas,
Ged tha mac na praisich * gann oirnn ;
Olar leinn deoch slainte' Mharcuis,
Ar guala thaice *s ar ceannard ;
'S tha sinn cho ullamh 'sa b' ait leis,
Dhion a bhrataichean o am-neart.
* Whjsky.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence