Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
Crann-Ceusaidh Chriosd
Bu shealladh e bha airidh air àrd-ioghnadh
urramach na cruitheachd, a bhi faicinn a' Ghahleich
thàireil ud a' tionndadh uile innleachdan cogaidh
na h-ifrinn air an ais 'n a h-aghaidh fèin ; a bhi
faicinn neach ann an coslas INIhic an duine, a'
spionadh iuchraichean ifrinn à làimh an diabhuil ;
a bhi 'g a fhaicinn ag amladh riaghlairean dorch-
adais 'n an lionntan fein, agus a' toirt orra bhi tur-
mhilleadh an rùintean le an cuilbheartan fèin.
Dh'aom iad aon d'a dheisciobuil gu Esan a bhrath,
agus aon eile gu àicheadh ; thug iad air na
h-Iudhaich a chasaid, agus air na Romanaich a
cheusadh. Ach bha an ComhairHche longantach
tuilleadh agus 'n a fhear-dùlain do'n t-seann
nathair. Bha an Leòmhann de threubh ludah
mugha 's cruaidh air son an leòmhainn bheucaich
a tha sireadh cò dh'fhaodas e mhilleadh. Rinn-
eadh innleachdan cumhachdan an dorchadais aig
a' cheann mu dheireadh, 'n a meadhonaibh air iad
fein a chreachadh ; agus gu bhi deanamh buaidh-
chaithream thairis orra fèin (Col. ii. 15). Thugadh
àrd-aingidheachd nan diabhul agus an cuid innealan
gu bhi frithealadh do rùintean tròcair neo-chri-
ochnach Dhè; agus bha peacadh gràineil chlann
nan daoine air a riaghladh air mhodh a bha ro-
iomlan naomh, gu bhi "criochnachadh eu-ceirt,
69

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence