Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
Crann-Ceusaidh Chriosd
cionn, agus gu'n èireadh an tràillean ann an ceann-
airc 'n an aghaidh. Le cleachdadh fada dh'fhàs
iad teoma ann an innleachdan sgriosach ; agus le
soirbheachadh fada dh'fhàs iad muinghinneach.
Dh'eignich am mi-run iad gu buanachadh anns an
strì, ciod air bith cunnart a dh'fhaodadh tighinn
'n a lorg. Mar bha an t-saorsa ud a chaidh a
dheilbh, gun teagamh sam bith, aithnichte dhoibh,
agus mar a Hon comharraidhean a teachd iad le
eagal, rinn iad gach ullachadh a bha'n an comas
air son cur 'n a h-aghaidh : chruinnich iad am
feachd uile ; chleachd iad an uile sheòltachd, agus
air do na h-uile ni bhi anns a' mheidÌT, thug iad an
oidhearp dheireannach ann an cruaidh-chòmhrag
leis am biodh a' chùis air a cur an dara taobh.
Dh'armaich iad gach inneal freagarach, chuir iad
gach innleachd cogaidh air son sgrios spioradail
ann an cleachdadh ; — buairidhean, geur-leanmhu-
inn, ainneart, cùl-chàineadh, ceilg, criosdan brèige,
agus an leithide sin.
Thaisbeanadh an neach ud a bha'n a nàmhaid
dhoibh, ann an cruth nach robh a rèir coslais 'n a
chulaidh eagail ; cha b'ann a mhàin mar dhuine,
ach mar neach air a " dhìmeas leis an t-sluagh,"
— air a mheas, cha b'ann mar dhuine, ach mar
chnuimh (Sahii xii. 6). Ach rinn sud a' chùis na
bu ghlòrmhoire. 68

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence