Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
Crann-Ceusaidh Chriosd
agus gu bhi toirt a steach fireantachd shiorruidh "
(Dan. ix. 24).
Mar so, bha glòir na saorsa air a h-àrdachadh
leis gach còmhstri a rinneadh 'n a h-aghaidh ; agus
gu h-àraidh, leis gach còmhstri a rinneadh leò-san
airson an robh i air a rùnachadh a chum an leas ; —
eadhon, peacaich iad fèin. Is e bu chrioch dha
so, a bhi ag àrdachadh glòir fad-fhulangais agus
tròcair dhiomhair lehobhah.
Ghabhadh e ùine mhòr a bhi beantainn ris gach
còmhrag a bha aig an Fhear-shaoraidh ri choinn-
eachadh, araon ri nàimhdean nam peacach agus ris
na peacaich iad fèin. Ach fadheòidh, chuir e an
stoirm fuidhe, fhuair e an uachdar air gach càs,
thug e bruid am braighdeanas, choisinn e buaidh
iomlan, cheannaich e oighreachd shiorruidh,
shuidhich e rioghachd buan-mhaireannach, rinn e
buaidh-chaithream air a' chrann-cheusaidh, agus
thug e suas an deò, le glaodh na buaidhe air a
bhilean; — "Tha e criochnaichte."
Tha an saoghal air a thaisbeanadh dhuinn mar
gu'm biodh e 'n a thosd am fianuis an Tighearna
'n uair a dh'èirich e suas a dh'oibreachadh na saorsa
mhòr so ; agus mar a nochd sinn cheana, cha robh
earrann sam bith de'n t-saoghal neo-umhaileach d'a
taobh. Bha dòchas àrd ris an obair so, ach thug
70

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence