Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
Crann-Ceusaidh Chriosd
Truacantas neo-chriochnach ! gu deimhin is
cuspair sin is fiach amharc air, gu h-àraidh le
creutairean a tha ann an cunnart agus ann an
èigin.
Anns a' chrann-cheusaidh, tha am bàs da-rìreadh
air a thaisbeanadh gu stàtail mar f hear-casgraidh ;
— ach air a thaisbeanadh mar an ceudna le ghath
air a thoirt uaithe d'ar taobh-ne. Anns a'
chrann ud, faodar a chluinntinn, an ceòl is binne
's an t-saoghal le peacach air a dhùsgadh ; — an
fhuil a tha labhairt slthe, a tha labhairt nithe as
fearr na fuil Abeil; — an guth as binne agus as
àirde 's an t-saoghal, — na's àirde na tairneanach
Shinai. Tha guth a chroinn-cheusaidh a' ruigh-
eachd nèimh agus na talmhainn ; — a' tagradh ri
Dia as leth dhaoine, agus a' cur impidh air daoine
bhirèidhri Dia; — a' labhairt nannitheas sòlasaiche
agus as freagaraiche a tha anns an t-saoghal, do
chreutairean ann an cunnart agus ann an èigin, —
a' labhairt saorsa agus fuasglaidh.
Do gach caochladh seallaidh a ghabhas sinn air
an obair ghlòrmhor so, is e an sealladh as freag-
araiche, sealltuinn oirre mar am fuasgladh as mò a
bha no bhitheas. Cha'n 'eil fuasglaidhean comh-
arraichte eile a rinneadh air pobull Dhè, ach 'n
am faileasan agus 'n an samhlaidhean oirre. Bha
65 E

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence