Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
Crann-Ceusaidh Chriosd
Maois, losua, Daibhidh agus Serubbabel 'n an
samhlaidhean air an losua mhòr so. A reir ainme,
mar sin tha e ; — losa — Fear-saoraidh.
Anns à' cheiid aite — Tha àireamh na muinntir
shaorta a' taisbeanadh gu bheil glòir na saorsa
neo-choimeasach ; cha robh ach aon chinneach air
an saoradh le Maois, ged bha an saorsa da-rìreadh
'n a saorsa ghlòrmhor, a thug fuasgladh anns a'
cheud dol a mach do shea-ceud mìle, agus aig a'
cheann mu dheireadh do àireamh bu mhò gu ro
mhòr. Ach tha an t-saorsa so mòran na's farsu-
inge. Tha an t-Abstol Eoin a' luaidh air a' mhu-
inntir shaorta mar shluagh mòr nach comasach do
neach sam bith àireamh, de na h-uile chinnich agus
threubhan, agus shluaghaibh agus theangaibh (Tais.
vii. 9).
An/is an dara aite — Tha glòir neo-choimeasach
na saorsa so air a taisbeanadh, cha'n ann a mhàin
ann an àireamh na muinntir shaorta, ach mar an
ceudna, ann an nàdur na saorsa. Cha b'e cuirp
dhaoine a mhàin a bha air an saoradh leis, ach
anamaibh neo-bhàsmhor ; — na's luachmhoire na an
saoghal (Mat. xvi. 26). Cha'n ann o dhaorsa mar
dhaorsa na h-Eiphit, ach o dhaorsa cho fada os a
cionn, 's a tha truaighe shiorruidh os cionn sàruch-
adh tìmeil corporra; air chor 's nach 'eil coimeas
66

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence