Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
Crann-Ceusaidh Chriosd
còmhdach a chuirp fein, ach cò is urrainn a cur
ann an dealbh, mar tha anamaibh muinntir eile
air an crath-ghlanadh leatha — seadh, "a' crathadh
mòran chinneach." Faodaidh sinn an crùn sgith-
each a tharruing, ach cò as urrainn an crùn glòire
cheannaich e a thaisbeanadh ann an dealbh?
Bu shona dhuinne, na'm biodh aig ar creideamh
sealladh cho beothail de'n chuspair so, 's a tha aig
ar mac-meamna gu tric de chuspairean eile nach
fiù ainmeachadh an coimeas ris. An sin chith-
eamaid ann an gni^iis eug-neulach ar Slànuighear,
buaidh-thàlaidh as cumhachdaiche na tha anns na
cuspairean as òirdheirce tha anns an t-saoghal. A
dh'aindeoin tuar neulach a' bhàis, chitheamaid a
leithid de ghlòir bharr-mhaiseach anns a' chuspair
so, 's a dheanadh uile-ghlòir an t-saoghail neo-
bhlasda dhuinn. An sud, chitheamaid gun teagamh
gruaim eagalach ceartais ; cha'n ann ruinne, ach
r'ar nàimhdean, ar mortairean, eadhon, ar peac-
aidhean. Tha an crann-ceusaidh a' taisbeanadh
truacantais Chriosd r'a mhorlairean fcin, aclì cha'n
'eil truacantas sam bith air a nochdadh do ar
mortairean-ne. Air an aobhar sin, faodaidh sinn
mòralachd ceartais shiorruidh fhaicinn air a
chomh-mheasgachadh le caomhalachd truacantais
neo-chriochnach.
64

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence