Skip to main content

‹‹‹ prev (68)

(70) next ›››

(69)
Crann-Ceusaidh Chriosd
Ach cha'n fhaod ar n-urnuighean a bhi dh'easbh-
uidh mcadhonaibh ei!e ; gu sonruichte, an cnuasach
sin tha Pòl a' moladh do Thimoteus (i Tim. iv.
15). Bu chòir dhuinn smuainteachadh air na
nithibh so, agus sinn fein a thoirt suas gu tur
dhoibh. Agus bu chòir d'ar smuainteachadh a
bhi cho beothail, agus cho deònach air sealladh
fhaotainn de'n chuspair so tha f'ar comhair, agus
is comasach dhoibh a bhith.
Ach cha'n ann le neart mac-meamna a gheibh
an t-anam buanachd anns a chleachdadh so, ach
le sùilean na tuigse bhi air an soillseachadh
(Eph. i. 18).
Tha luchd-deanamh, agus luchd-aoraidh iomh-
aighean a' gabhail os làimh ar cuideachadh anns
an ni so, le dealbhan a chur fa chomhair ar sùilean
corporra. Ach cha'n i sùil a' chuirp, no neart ar
mac-meamna, ach sìiil a' chreidimh, d'an comasach
beachdan fior agus breithneachadh ceart a thoirt
air a' chuspair so (2 Cor. v. 16).
Faodaidh daoine dealbhan a tharruing air fulang-
ais Chriosd o'n leth a muigh, ach cha'n urrainn iad
dealbh-tharruing a dheanamh de'n airidheachd o'n
leth a muigh o'm bheil buaidh fhulangasaibh a'
sruthadh ; — a' ghlòir a tha ann fcin, agus a
mhaitheas dhuinne. Faodaidh daoine dealbh a
61

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence