Skip to main content

‹‹‹ prev (69)

(71) next ›››

(70)
Crann-Ceusaidh Chriosd
dheanamh de neach air a cheusadh ; ach ciamar
is urrainn an dealbh sin eadar-dhealachadh a chur
eadar an SLànuighear agus na gaduichean a bha
air gach taobh dheth ? Faodar a làmhan agus a
chosan a tharruing, mar bha iad air an sparradh
ris a chrann-cheusaidh ; ach cò is urrainn na
làmhan ud a tharruing mar bu ghnàth leò bhi
sìnnte mach gu furtachd a dheanamh air luchd-
àmhghair, agus gu bhi leigheas nan euslan ; agus
na cosan ud a bha sìor dhol mu'n cuairt a
dheanamh maith ? no mar tha e nis a' leigheas
tuiUeadh eucailean, agus ri barrachd maith na bha
e riamh roimhe ? Faodar dealbh a tharruing air
coslas f hulangasaibh o'n leth a muigh ; ach co
thair'neas dealbh an seirbhe o'n leth a stigh,
no na h-aobharan neo-fhaicsinneach o'n d'eirich
iad? P'aodar dealbh a' chroinn-cheusaidh a
tharruing, ach co thairn'eas dealbh mallachd an
lagha, a rinn an crann ud 'n a chrann mallaichte.
Faodar dealbh Chriosd a tliarruing, a' giìilan a
chroinn-clieusaidh suas gu Calbhari, ach cò is
urraiiìn a tharruing a' giìilan pheacanna mhòran ?
l'Yiodaidh sinn luaidh a dheanamh air na tàirnean
leis an robh a chorp naomh air a reubadh ; ach cò
is urrainn luaidh a dhcanamh air ceartas siorruidh
a' reubadh fheòla agus a spioraid le cheile? Faod-
62

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence