Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
[ is ]
air son nan daoine a thuit leis a' chlaidheamh.
Cha robh bron, no cumha cho mor riamh ; oir
thainig an latha uamhasach oirre gu 'n duil idir
ris, agus bha maise Israeil air a lotadh 's air a
mharbhadh. Thuit na cumhachdaich, agus chaidh
as do 'n airm chogaidh. Bha cumha Hadadrimoin
ann an gleann Mhegido, dar a rinn iad caoidh
airsan, anail an cuinneanan, ti ungte an Tighearna,
mu 'n d' thubhairt, iad, " Foidh a sgaile mairidh
sinn beo am measg nan Cinneach," mar an cumha a
bha ann an Albainn an deigh latha Raon Floda —
an cath fuilteach ud 'san do chailleadh tuilleadh is
deich mile duine do armailt na h-Alba, an righ fein,
agus a' chuid mhor de ard-mhaithibh na rioghachd.
Bha triuir mhac aig Iosiah, agus ghabh sluagh
na tire an dara fear dhiubh, agus rinn iad e 'na
righ an aite 'athar ann an Ierusalem, an duil gu
'm biodh e 'na leomhann garg mar a bha 'athair,
agus gu 'n tugadh e buaidh air righ na h-Eiphit
Ach mo thruaighe ! chunnaic iad aig ceann thri
miosan an righ 6g air a chur ann an cuibhreach-
aibh, agus air a ghiulan air falbh gu Riblah ann
an tlr Hamait, far an robh righ na h-Eiphit a'
cogadh 'san am ; agus chaidh a thoirt as a sin do
'n Eiphit far an d' eug e. Chuir so sluagh na tire
gu tuilleadh caoidh. B' e so a' cheud righ de
shiol Dhaibhidh a chaidh a rioghachd a thoirt ann
am braighdeanas, agus b' fhearr leotha gu mor
Yhaicinn marbh leis a' chlaidheamh. Thuit an
coron buileach bhar an cinn dar a chunnaic iad ti
ungte an Tighearna ann an geimhlibh. Cha b'
urrainn am faidh cumail air fein. Cha chreideadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence