Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
[ 14 ]
Bha taigh Iudah fathast air a chaomhnadh, ach
bha iadsan cuideachd a' dol ann am braighdeanas,
a chionn gu 'n robh iad gun e61as, a chionn gu 'n
do dhiult iad lagh Tighearna nan sluagh, agus gu
'n do chuir iad cul ri facal Ti naomh Israeil. Bha
nighean Shioin a' dol am mach as a' chathair — a'
dol a chomhnuidh 's a' mhachair ; bha i 'dol
eadhoin gu Babilon. Thachair so ri linn an
fhaidh.
B' e latha na feirge an latha sin ; latha trio-
blaid agus teanntachd ; latha neul agus tiugh dhor-
chadais ; latha trompaid agus iolaich an aghaidh
nam bailtean daingnichte, agus nan tur arda.
Bhrist an doinionn o 'n aird a tuath. Thainig
teaghlaichean na h-aird a tuath, agus chathaich
iad na h-aghaidh, ach cha d' thug iad buaidh,
a chionn gu 'n robh Dia fathast le Iudadh.
Ach an sin thainig doinionn o 'n aird a deas.
Thainig feachd righ na h-Eiphit a nios a chogadh
an aghaidh Charchemis laimh ri Euphrates.
Chaidh Iosiah righ Iudah am mach 'na aghaidh,
agus chuir e cath ris ann an gleann Mhegido.
Bha 'n righ air a lotadh, agus thug a sheirbhisich
leotha e gu Hadadrimon far an do bhasaich e ;
agus rinn Iudah agus Ierusalem uile caoidh air
son an righ. Rinn am fearann uile caoidh air
a shon mar a chaoidheas duine air son aon ghin
mhic. Agus rinn gach teaghlach caoidh air leith.
Rinn Ieremiah tuireadh air a shon, agus labhair
na fir sheinn agus na mnai sheinn uile m' a
thimchioll na 'n tuireannaibh. Bha na bantrai-
chean 's na teaghlaichean lionmhor a rinn caoidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence