Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
[ i6 ]
righrean na talmhainn agus uile luchdaiteachaidh
an domhain gu 'n rachadh an t-eascaraid a steach
air geatachan Ierusaleim ; gu 'n glacadh iad
leomhann 6g taigh Dhaibhidh ; gu 'n ceangladh
iad e ann an slabhraidhibh, agus nach cluinnteadh
tuilleadh a ghuth air sleibhtibh Israeil.
Mheudaich an Tighearna am bron. Rinn e
tair air righ agus sagart dar a cheadaich e do 'n
righ a bha air ungadh os cionn Israeil a bhith air
a ghlacadh agus air a thoirt do dhaingneach an
namhaid. " Na guilibh air son a' mhairbh, ni
mo a ni sibh caoidh air a shon ; guilidh gu
goirt air a shon-san a dh' imich air faldh ; oir
cha phill e ni 's md, agus cha 'n fhaic e tuilleadh
tlr a dhuchais. Oir mar so deir Iehobhah mu
thimchioll Shaluim mhic Iosiah, righ Iudah, a
righich 'san aite so, cha phill e thuige ni 's mo.
Ach anns an aite gus an d' thug iad air falbh ann
am braighdeanas e, gheibh e bas ; agus an tlr so
cha 'n fhaic e ni 's mo."
Bha 'n righ a thagh iad agus a dh' ung iad,
do 'n an d' thug iad mar shloinneadh Iehoiacim
(an ti 'tha Iehobhah 'cuideachadh) ; air a chur
am mach o shliabh Shioin far an robh Tighearna
nan sluagh a' comhnuidh ; o aite adhlacaidh
aithrichean ; air a sgaradh o'n Tighearna, agus o
shluagh an Tighearna ; 'na chiomach bochd air
a thoirt air falbh do dhuthaich far am basaicheadh
e, agus am biodh e air 'adhlacadh am measg mhac
nan coigreach. " Is beo duine an deigh a shar-
achadh ; ach cha bheo e an d£igh a narachadh."
Ciod eile a bha 'n so ach leirsgrios air tlr a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence