Skip to main content

‹‹‹ prev (59)

(61) next ›››

(60)
46
Gu cinnteach bha'e 'na lòchran mòr 'na latha fein :
blia beannachd Dhe' air mhodh ro-àraidh an cois a
shaoithreach.
EARRANN II.
Ann an eachdraidh Chalum-Chille tlia sinn a'
leughadh gu'n robli e, air mliodh àraidh, misneach-
ail agus lùn do eud naomh. 'Nuair a thàinig e
nall ti h-Eii-inn bha e làn eòlais air gach cunnart
agus doilghiodas a bha roimhe ; acli cha do thar-
ruing e air ais. Ghuidh e air Dia deich-bhadhna-
fichead a chur r'a bheatha, clium saoithreachadh 'na
obair fèin ; agus bha dòchas aige, trid cùmhnadh
an Uile-chumhachdaich, anns an ùine sin gu'm
buadhaicheadli e anns na bha 'na bheachd. Blia e
comharraichte airson a ghliocais : cha'n fheudar
dearbhadh a's lùidire a bhi againn air so, na 'n dòigh
iongantach air an do choisinn e S'ìth agus càirdeas
nan righ uaibhreach, borb, a bha r'a linn ; an dòigh
san do chum e suas uachdaranachd thairis air ceud-
aibh eaglais a bha fo 'riaghladh, ann an rioghachd-
aibh a bha dealaichte o cheile ann an cainnt agus
ann an cleachdadh ; mar an ceudna, an dòigh aims
an d' àraicli e a liuthad òigridh, a tliàinig a ghabh-
ail fòghluim fodha ; agus am modh amis an do
thagh e aodliairean airson a liuthad eaglais 'sa bha
'n earbsa ris. Cha 'n ann gun ghliocas mòr a bha so
r'a dheanamh, air dòigh a chosnadh meas agus urram
dha o gacli tìr, a bha meudachadh fhad 's bu bheò e.
Leis gach buaidh eile, tha e air 'innseadh dhuinn,
gun robh aige cruth àrd dreachmhor; aghaidh shuil-
bhcarra, thaitneach ; gutli smachdail cumhachdach,
a b' urrainn da air uairibh a thogail mar thoirm
tàirneanaich : tha Abdonuian ag aithris, ann an
eachdraidh a bheatha, gu 'n cluinnt' e gu soiUeir.
dlùth do mhìl' air astar a' seinn shalm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence