Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
47
Ach 's ann airson a cliràbhaidh, agus a dhiadh-
achd a bha 'n duiu' ainmeil so co coniliarraichte.
'Na uile chainnt, agus 'na ghiùlan gu le'ir bha'n spior-
ad so an uaclidar. Ghiùlain e air 'inntimi, anns gach
cùmhdliail agus anns gach àm, mothacliadh daing-
eann beòair gnùth-lùtliaireachd agus sùil-choimliead
an Tighearna. " An àill leat," arsa Coibhi, an t-àrd-
Dhruidli, ris air còmhdhail àraidh, "seòladh am
màireach?" — "Air an treas là," fhreagair Calum,
" ma 's deònach le Dia, 's gu'm bi mi beò." — " Cha 'n
urrainn duit," a deir an Druidh ; "bheir mis' air an
stoirm eiridli, agus air a* ghaoith seideadh ann ad
aghaidh : sgaoilidh mi ceò agus dorchadas mu'n
cuairt duit." Fhreagair an duine naomh e, " Tha
na h-uile ni fo smachd an Uile-chumhachdaich ;
'na aintu-san tlia mi gabhail gach ni os làimh ; fo
stiùradh a fhreasdail the'id mi mach, 's cha bhi
eagal onn."
Blia spiorad na diadliachd r'a fhaicinn 'na uile
ghiùlan. Bha 'bheatha air a caitheamh ann an ùr-
nuigh agus ann am moladh : moch agus anmoch, ge
b'e àit am bitheadh e, cha do leig e aon là seachad
gun ùrnuigh fhollaiseach a chur suas : am measg
naimhdean, hichd-fochaid agus magaidh, bhuadh-
aich e sa' clileachdadh so. 'Xuair nach robh fard-
och os a cheaim, no fasgadh thairis air, ghlòraich
esan Dia le aoradh riaghailteach agus follaiseach.
A bhàrr air so, bha àmanna àraidh aige airson
ùrnuigli dhiomhair 'na slieùmar fèin agus 'na eaglais
fe'in. Anns an lagan uaigneach, ann an sàmhchair
na h-oidhche, 's gach aon mu'n cuairt da 'nan suain,
b' àbhaist dhà-san 'anam a dhòrtadli a mach ann
an ùrnuigh do'n Dia a chruthaich e. Tha aon àit
aim an eilean I far am bu glinàth do'n duiiie naomli
so mòran d'a ùiiie a chaitlieamh ann an co'chomunn
n 'Dhia agus ri 'Shlànuighear. Tha 'n t-àit air a
choniliarrachadh gus an là 'n diugh fo 'n ainm Cnoc-
nan-aingeal ; a thaobh na barail a bh' aig daoinibh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence