Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
45
Thigheariia. A thuilleacUi air so, bha e fe'in 'na
ighÌLilan agus 'na chleachdadh co fada dealaichte o
mliuiimtir na dùthcha, 's nach feudadh e gun bhi
mi-thaitneach leo. B' àbhaist da trasgadh fad làith-
ean, a bhi 'na chaithris ri ùrnuigh fad oidhchcan.
Bha e air a cheusadh do'n t-saoghal, agus bu shuar-
ach lcis toileachas-inntinn na beatha. Chuir e cùl
ris na nithibh sin, a tha daoin' eile a' meas neo-chiont-
aih agus feumail. 'Nuair bha e sòa-bliadhn'-deug
agus tri fichead, b'e 'n t-ùrlar fuar a bu leaba dha,
's a' chlach chruaidh bu cheami-adhairt dha. Ach
a dh' aindeoin so uile, bhuadhaich e 'na shaothair,
agus sin ann an tomhas miorbhuileach. Fad cheith-
, ir-bliadhn'-deug-thar-fhichead, shaoithrich e, a'
socracliadh eaglaisean, agus a' craobh-sgaoileadli
eùlas Chriosd. R'a linn fe'in chumiaic e 'n creidimh
Druidhneach air a chur fodha, agus rioghachd na h-
Alba air a li-ìompachadh gu aidmheil an t-soisgeil.
Bha eaglaisean air an socrachadh ann an iomad
cearna, agus tharta air fad, eadar Albuinn agus
Eirinn, bha e fein 'na uachdaran.
Tha daoine f jghhiimte ag innseadh dhuinn gu'n
do shocraich e, 'na latha fe'in, trì cheud eaglais,
agus gu'n do ste'ighich e ceud tigh-manaich ; agus
ann an eaclidraidh na h-Eirionn tha e air 'innseadh
dhuinn nach robh aon duine riamh a rinn na h-
unad do chraobh-sgaoileadh an t-soisgeil ann an
Eirimi ris, ach Gille-Pàdruig, àrd-naomh na dùth-
cha sin. Bha meas mòr air amis gach àit an deach-
aidh e, fad as, agus dh'ith do lùimh : 'nuair a dh'
fhàgadh e 'eilean fe'in, 's a racliadh e mach air
feadh na tire, chruinnicheadh shiagh na dùthclia
•'na dhe'igh, a dh' iarraidh a blieannachd, 's a dh'
èisdeachd r'a theagasg. Ma 's e eadlion an t-ùit
an robh e chùmlnuiidh, bha e air a mheas naomli ;
agus b'e iarrtas deireannach, agus miann righrean,
fad linntean, a blii air an adhlacadh ann, agus codal
a' bhàis a ghabhail ann an ùir an eilein shona sìn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence