Skip to main content

‹‹‹ prev (57)

(59) next ›››

(58)
44
Eirinn. Bha 'n t-eilean san àm sin a' sealbliacliadh
sokis an t-soisgeil ann an tomhas àrd : bha e làn do
dhaoinibh diadhaidh am feadh a bha Albuimi 'na
fi'isach fiadhaich, ann an aineolas, agus fo shaobh-
chràbhadh muladach. Mhothaich an naomh Cal-
um dha so le truas, agus ge nacli robh fùth a dhòch-
ais ro-mliòr, chuir e roimhe dol a mach mar abstol
do na cearnaibh dorcha sin. Leis a' bheachd sin,
dh' fhàg e a dhuthaich anns a' bliliadhna 563 ; agus,
ann an curach beag, le dhà-dheug do hichd-leanmh-
uinn thaghta ghràdhaich, ràinig e 'n t-eilean uaig-
neacli sin cùkhaobh Mhuile, ris an abair iad o'n àm
sin I CHALUM-ClllLLE. Bha 'n duine math mu
'm bheil sinn a' labhairt a nis dà bhhadhn' agus dà
fhichead a dh' aois. Bu chudthromach an obair a
ghabh e os làimb, agus b' uamhasach na grabaidh a
bha 'na rathad. Cha 'n ami gu dearbh gun anabh-
arra neirt inntinn agus cuirp a thigeadh dha an oidh-
eirp idir a thabhairt. Bha muinntir na h-Alba san
àm sin ami an staid choimheach, bhorb : bha iad
co suarach mu naomhachd an duine bheannuichte, 's
gur tric a shònraich iad a chur gu bàs. Bha righ
na dùthcha cosmliuil r'a chuid daoine. A' cheud
uair a thùinig Cakim-Cille dh' iomisuidh a lùchuirt,
a bha san àm sin aig ceann na h-aird-an-ear do
Loch-Nis, dh' àithn e 'n dorus a dhruideadh 'na
eudann, 's gun an aoidheachd choitchionn a thoirt
da fe'in no dhoibhsan a bha maille ris. Bha na
sagartan Druidhneach aghartach saoithreach aiui
an cur 'na aghaidh : bha iad teòma, seùka, innleachd-
ach, agus cumhaclidach ; agus bha uachdarain na
dùthcha air an taobli. B]ia 'n dùthaich fe'in san
àm sin mar aon fhàsach mòr, gun skglie no rathad
tèaruinte tre na coilkibh tiugha dorcha ; agus bha
na monaidhean farsuing làn do bheathaichibh fiadh-
aich a bha 'n cunnart, iomad agus iomad uair, an
naomh so a mhikeadh agus a sgrios, 'nuair a bha e
'g imeaclid o chearna gu cearna ann an obair a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence