Skip to main content

‹‹‹ prev (248)

(250) next ›››

(249)
AM FEAR-CIUIL.
TROM-LIGHE.
225
Tha cuid de dhaoin' ann aig a bheil e mar chleachdainn a
bhi bruidhinn riu fein ; no co-dhiù, a bhi ceadachadh d' am
bilean run diomhair an cridhe leigeil ris do na feannagan.
Tha muinntir eil' ann do nach 'eil e soirbh an inntinn a
chumail fo ghlais, ach an àite bhi leigeil le gaoth an fhàsaich
am barail a chraobh-sgaoileadh, tha iad a' deanamh cruaidh-
ghreim air a' cheud neach a shaoileas iad a bheir eisdeachd
dhaibh, 's a' taomadh an sgeoil gun bhrigh 'na chluais, olc
air mhaith leis e. Cha'n'eil mise, uile gu leir, cho ao-dionach
riu so, ach 's gle thoigh leam seanachas beag a bhi agam ri
m' chìl. an dràst 's a rithist ; gu sonruichte, 'nuair a thachras
dhuinn a bhi leinn fein air leth-taobh bruthaich 's gun duine
'g ar n-eisdeachd. Is creutair compant' an duine thaobh
naduir, 's mar sin tha iarrtas aige air a bhi leigeil inntinn
r'a cho-chreutair, gu sonruichte, ri caraid dìleas anns am
bi lan-earbs' aige. Agus tha mi m' barail nach 'eil e furasda
do dhuine caraid as dìlse no as earbsaiche fhaotainn na 'n
cù. Cha toir fuachd no teas, pathadh no acras air a' chù
a mhaighstir a threigsinn. 'Nuair bhios tu fo laimh trioblaide,
co as motha iomaguin mu d' dhèighinn, no as motha co-fhul-
angas ri d' chor na do chù? Cha'n ith e biadh 's cha'n òl e
deoch gus a faic e air do chasan thu. Cha chuir do chù facal a
o

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence