Skip to main content

‹‹‹ prev (247)

(249) next ›››

(248)
224 AAf FEAR-CIUIL.
soiUeire a chi mi 'n fhirinn 's as dòcha mi 'ga labhairt.
Thainig mo charaid, am foirbheach, an oidhche roimhe; 's
an dèigh dhuinn naigheachdan a shuaip, thug mi tarruing
air searraig bhig anns am bi mi gleidheadh deuran de stuth
laidir a bhios mi gabhail air son mo ghruain. Cha 'n 'eil
gruan no sgamhan a' cur dragh air an fhoirbheach, ach
shuidh e leam gu siobhalta, direach a chumail cuideachd
rium. Chair sinn dileag bheag de 'n iocshlaint so ann an
ceann drubhaig de dh' uisge goileach, agus deannag shiucair
'na cheann sin. Cha chreid sibh a' bhuaidh a th' aige so air a'
chridhe chruaidh, chlachach, a tha'n ar feoil a mhaothachadh;
agus le toit a tharruing as a' phiob eadar bhalgam, cha 'n
'eil ni ann cho eifeachdach ris,
A thachdadh bhreug- am beul a chlèibh,
Mu'n toir iad beus neo chhuiteach dhuinn.
Ma chreideas sibh mi, mu 'n d' eirich sinn o 'n bhord, dh'
innis mi dha h-uile ni a rinn mi riamh, agus ni no dhà nach
do rinn idir, direach a leigeil ris da nach robh mi a' ceiltinn
dad uaith. Tha mi smaointeachadh gu'n d' rinn an
f hosgailteachd so drughadh air an fhoirbheach ; thuirt e
rium 's e fagail beannachd agam aig an dorus, 's e 'na
sheasamh air a chorra-beaga, gu'm bu duine flor stèidheil mi.
Is leir dhuibh fein a nis mar a tha chìiis anns a' bhaile so,
's tha amharus agam nach 'eil gnothaichean a bheag na 's
fhearr ann am bailtean a dh' fhaodainn ainmeachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence