Skip to main content

‹‹‹ prev (249)

(251) next ›››

(250)
226 AM FEAR-CIUIL.
t' aghaidh ged nach bi do chainnt, uile gu leir, cho crabhach
's a dh' fhaodadh i bhith. 'S ged a thuiteas dhuit, ann ad
sheanachas, leum-taoibh a thoirt thar smior na firinn, mar a
thachras dhuinn air uairean, cha 'n e do chìi a their riut
gur h-olc. Faodaidh e, gun teagamh, car beag a chur an
cuinnein a shroine mar gu'm biodh e faotainn fàileadh
bragsaidh, ach cha 'n abair e riut, am muigh 's a mach, gu
bheil thu dol tuaitheal air stèidh a'ghnothaich. Cha mhotha
na sin a thig e thairis, ri neach eile, air aon fhacal beag a
their thu ris eadaruibh fein ; 's 'nuair a dh' eireas droch
thubaist dhuit, cha 'n abair do chù riut gur ann agad f ein a bha
choire. Cha 'n ionann sin 's do d' charaid ionmhuinn ; thig
esan le salann an achmhasain, 'ga shuathadh ann ad
chreuchdan craiteach, gus am b' fhearr leat na ni nach abair
thu gu'n do ghabh e seachad air an taobh eile, no gu robh
e gu comhfhurtachail ann an uchd Abrahàim, a' gabhail
fois o a shaothair aimsireil, no 'n àite sam bith eile ach far
a faigheadh e cothrom air a bhi 'g ad fheannadh 's 'g ad
phìosdaireachd le lann mheirgeach a chronachaidh 's an
earalachaidh. Uch ! Thoir dhomhsa cuideachd Yarrow, a
roghainn air cuideachd a' charaid sin.
'S e thug dhomh iomradh dheanamh air na nithe so aig an
àm, gu robh seanachas beag eadar mi fhein is Yarrow, an
la-roimhe, 's ged nach fhiach an seanachas sin tigh'n thairis
air, faodaidh mi cion-fàth a'ghnothaich ainmeachadh. Beagan
laithean roimhe sin, thill caraid dhomh air ais o bhi gabhail
a chuairt shamhraidh am measg eileanan boidheach na h-àirde-
'n-iar, agus mar nach do shaodaich am Freasdal e thug e
g'am ionnsaidh fhein an aona ghiomach a bu tlachdmhoire
k

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence