Skip to main content

‹‹‹ prev (193)

(195) next ›››

(194)
I70 AM FEAR-CIUIL.
Tha na briathran so cho caomh ri morbhan braoin air
duiUe, 's cho tlath ri maoth-ghaoth chèit ; ach cha cheadaich
uine dhomh a thoirt duibh as an leabhar ach an sop as lugha
as an t-seid as goireasaiche, agus sin a mhain a shoiUeireach-
adh an ni air a bheil mi 'g iomradh. Tha cuid de na
laoidhean ann am briathran cho grinn 's as aithne dhomh idir,
ged tha e gle choltach nach robh iad uile air an tairgse 'n
tùs do na naoimh a tha nis air an ainmeachadh annta, ach do
chuspairean eile anns an robh an sluagh a' creidsinn aig an
àm. Gabhaibh an rann so mar eisimpleir.
"A rlgh na gile,
A rlgh na grèine,
A rlgh na rinne,
A righ na reula,
A rig-h na cruinne,
A righ na speura,
Is àluinn do ghnuis,
A lùb eibhinn.
Dà lùb shioda
Shios ri d' leasraidh
Mhinich, chraicich,
Usgannan buidhe,
Agus dolach
As gach sath dhiubh."
Cha 'n 'eil e soilleir co-dhiìi 's i ghrian no ghealach as
cuspair dha so. Tha fhios againn gu robh iad le chèile,
aig aon àm no àm eile, 'nan cuspairean aoraidh aig gach
cinneach air thalamh; 's tha e gle iongantach a bhi toirt
fainear ann an aoradh ar latha fein, deas-ghnathan agus modh-
labhairt a bha air an gnathachadh ann an aoradh-greine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence