Skip to main content

‹‹‹ prev (194)

(196) next ›››

(195)
AM FEAR-CIUIL. 171
linntean mu 'n do rugadh Maois. Ann an urnuigh a thainig
a nuas gu 'r n-ionnsaidh, a chuireadh suas do 'n ghrein le
Nofer-i-thi, ban-righ a bh' air an Eiphit, tha na briathran so
a' tachairt : " A dhè nan uile bheò; cha 'n 'eil dia eil' ann ach
thu. Cruithear nan uile nithe. Tha thu dol suas air cuairt
speur ; 's o àirde nan neamh tha thu buileachadh beatha
air na chruthaich thu ; air duine 's air ainmhidh ; air eun 's
air gach gne chreutair snàgach a shnàgas air an talamh."
Bhàtar ag aoradh do 'n ghrein fo iomadh ainm, ach a reir
coltais, 's e Bel, Beal, no Baal, an t-ainm a thug na Ceiltich
leo as an àirde-'n-ear, 's ris an do lean na Gaidheil. Bha
latha-fèille 'n dè so 'g a ghleidheadh 'n ar measg fein gus o
chionn fior bheagan uine. Dh' innis seana bhean 's an
eilein Arannach do Mhr. Mac Gillemhìcheil an doigh air an
robh 'n latha so air a ghleidheadh ri hnn a h-athar. Air a
cheud là de 'n Chèitein, bha h-uile teine 's an àite 'g a chur
as, agus tein'-èigin 'g a lasadh air a' chnoc ghnathaichte. Bha
'n teine so 'g a roinn na dhà earrainn, 's 'nuair a bha e aig
àirde theas, bha 'n sluagh, beag is mor, a' ruithe troimh 'n
fhosgladh eadar an dà theine. Bha iad an sin a' cur an cuid
sprèidh troimhe air an doigh cheudna. Bha so a' ciallachadh
glanadh agus dion, 's e sin ri radh glanadh o thruaiUeachd,
agus dion o'n olc ; no mar thuirt a' bhean chòir air a bheil
mi 'g iomradh, "g' an dion o gach ealtraidh agus dosgaidh,
's o'n bhana-bhuidsich mhoir, Nic Creafain." Bha iad a'
co-dhunadh na seirbhis so le bhi seinn, " Am beannachadh
Bealltuinn." So agaibh rann dheth.
" A Mhoire, a mhathair naii naomh,
Beannaich an t-àl 's an crodh-laoigh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence