Skip to main content

‹‹‹ prev (192)

(194) next ›››

(193)
AM FEAR-CIUIL. 169
's air gach gne fhoirneirt, tha e soilleir a reir nan urnuighean
's nan laoidhean a bha cumanta measg an t-sluaigh,
nach ann idir mì-dhiadhaidh a bha iad. Cha bu daoine
mì dhiadhaidh nach rachadh an ceann gnothaich gun
bheannachadh iarraidh air an saothair \ bho smàladh an
teine 's an oidhche gu dol air turus cuain, bha urnuigh
fhreagarrach aca air son gach cùis. Is duiHch leam nach
urrainn domh uidhir a thoirt duibh as an leabhar so 's a bu
mhiann leam, ach tha fhios agaibh a nis far am faigh sibh an
t-iomlan air 'ur son fein. So agaibh rann à 'Ora nam buadh,'
's thugaibh fainear cho fhad air falbh 's a tha 'n smuain, 's
cho ao-coltach ri aon ni a chluinneas sibh air sràidean a'
bhaile so.
" lonnlaime do bhasa
Ann am frasa fiona,
Ann an liu nan lasa,
Ann an seachda siona,
Ann am bainne meala,
Us cuiream na naoi buaidhean glana caoine
An do ghruaidhean caomha geala.
Buaidh cruth,
Buaidh guth,
Buaidh rath,
Buaidh maith,
Buaidh chnoc,
Buaidh bhochd,
Buaidh na rogha finne,
Buaidh an fhior eireachdais,
Buaidh an deagh labhraidh," etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence