Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
94 AM FEAR-CIUJL.
Is dìmeas do 'n chuideachd sin :
" A' chruit dhona, b' fheàird i foileadh,
Anns na corra-cagailte ;
Am bàrd broineach, 's beag an dolaidh
Ged a loir na madaidh e ;
Th' agams' ortha ann am sporan,
Bheireadh sonas maireann da ;
Nach fhàgadh fuath no mi-run,
No prìs na smior-chaiUeach ann."
Sin thog an t-Ollamh Blàireach
A làmhan is labhair e :
'■ A pheathraiche 's a bhràithre !
Cha 'n fhearr sibh na amadain ;
Gu deimhin, tha mi 'g ràdh ruibh,
Ma 's bardachd neo-airidh i,
Nach fhiach i bhi 'g a càineadh,
'S nach fheàird i bhur tabhann-se :
Seallaibh mise, ciod is misd mi,
A bhi tric ri rannaireachd,
'Leum air ite bhàrr a' chipein,
Cha 'n 'eil mios air atharrach ;
Laoidhean Vishnu ann am chiste,
Cha bu mhisd sibh earrann diubh ;
'Nuair thig iad deas o m' laimh-sa,
Dh' fhaodadh Daibhidh gabhail riu."
Mac Fhionghain, ceann na cèille,
A' rèiteach a h-uile ni ;
A' toirt fainear na clèire,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence