Skip to main content

‹‹‹ prev (118)

(120) next ›››

(119)
AM FEAR-CIUIL. 95
Is gèiread an guidheachan ;
Mu dheireadh, thug e sgeul dhuinn
Air euchdan Chuchullainne;
Is chuir e fein gu gleusda,
An Fhèinn air a h-uiHnn duinn :
Fionn is Oisean, GoU is Oscar,
'S Conan crosda, curanta ;
Gun tàmh, gun chlos, a' sgoltadh chorp,
'S Lochlannaich a' cumail riu ;
Air muir 's air tìr, a rogha sìd,
A ghnàth a' strì ri cuideigin ;
Mar gheibh sibh anns an fhìrinn,
Mar sgrìobhas Mac Mhuirich i.
Thuirt Bean-an-tighe chùirteil,
'S i stiùradh an rathaid dhuinn,
"Tha bòrd na suipeir cùirnicht,
Is dùth dhuibh bhi fannachadh."
Lean mise sìos gu dlùth i,
'S mo shùilean 'g a beannachadh,
Air son bhi fialaidh, fiùghail,
Tha chù-se ro aithnichte :
Fhir na Gealaich ! sin an sealladh
Thug a phlathadh m' anail uam ;
Bric le 'n lannair as an abhainn,
Bradain agus gealagan ;
Eoin gun airceas, geòidh is cearcan,
'S pailteas de gach annas ann ;
Bha muilt-fheoil 's mairt-fheoil ròiste,
Bu leòir air son banais e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence