Skip to main content

‹‹‹ prev (116)

(118) next ›››

(117)
AM FEAR-CIUIL. 93
A' CHEILIDH.*
FoNN — '• Cabarfèidh."
Bha mise 'n raoir air chèilidh,
'S gu 'm b' èibhinn a' chuideachd sinn ;
Bha maithean à Duneideann,
A' Chlèir 's am Bàrd Luideagach ;
Bha rannan againn 's sèisdean,
Le sgeulachdan 's luinneagan,
'S bha mise cur an cèill dhaibh,
Na dh' èirich dhomh thubaistean ;
H-uiIe duine 's muinntir Mhuile
A' toirt buiUe 'n bhata dhomh,
Nach b' fhearr mo ghuth na cearc air ghur,
Gun bhàrr, gun bhun, am achmhasan ;
Gu 'n d' fhàg mo thuigse mi gu tur,
'S gu 'n d' fhàs gun phurp mo sgathbhardachd,
Bho 'n chuir mi corrag èibhinn,
Air Ephoid na Sagartachd.
Thuirt Mac-ic-IUemhìcheil,
Gu 'm b' fhìgearach duine mi ;
Is ghuidh e agus ghrìos e,
Air Brìde, no cuideigin ;
Mo chur o m' bhonn gu m' chìrein,
An sìoman de dh' ubagan,
Air neo gu 'n tugainn mì-chliu,
* Comunn na Gàidhlig. Faic taobh 88.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence