Skip to main content

‹‹‹ prev (488)

(490) next ›››

(489)
481
db' fheudas bacadli a chur orra 'uan slighe chum na rìogli-
achd. Na measadh iad dleasnas sam bith tuiUeadh as
<;ruaidh, no crois sam bith tuilleadh as trom, no saothair
sara bith tuiUeadh as mòr, chum as gu faigh iad crùu ua
glòire.
San àite mu dheircadh, Biodh iadsan aig nach 'eil còir
sam bith air rìoghachd neimh, air an brosuucliadh gu h-
iarruidh le 'n uile dhìchioll. 'S e nis an t-àm, sam feud
clann nà feirge bhi air an deanamh 'nan oighreachan air
glòir : Agus an uair a tha 'n t-slighe gu sonas sìorruidh air
a fosgladh, cha'n e an t-àm e gu suidhe socrach agus dìomh-
aiu. Togaibh suas bhur cridheachan chum na glòire
bhitheas air a foiUseachadh, agus na bithidh a ghnàth a'
luidhe sios air an talarah thruaiHidh so. Ciod am feum a
ni bhur n-uile shuaimhneis saoghalta dhuibh, 'nuair nach
'eil agaibh steidh chinnteach ri dòchas neimh, an dèigh
do 'n bheatha so dol thairis ? Cha 'n 'eil sna saoibhreis
agus sna h-onoirean, sna buannachda agus sna toil-inn-
tinne sin, a 's eigin a bhi air an adhlacadh maille ruinn, agus
do nach urrainn dol leinn gu saoghal eile, ach cuibhrionn
thruagh, agus a dh' fhàgas daoiue gun chomhf hurtachd
mu dheireadh. Ah ! cia uime a ta daoine co dèigheil,
*' re àm dhoibh a bhi beò air an nithe maithe f haotainu ?"
Cia uime nach fearr leo bhi fuidh chùram gu 'n còir a
dheauamh cinnteach air rìoghachd neimh, nach biodh gu
bràth air a toirt uatha, ach a bheireadh dhoibh cuibhrionn
a dheanadh sona iad feadh linnibh na sìorruidheachd !
Ma tha thu ag iarraidh urraim ; ann an sin feudaidh tu
an t-urram a's àirde f haotainn, agus a mliaireas 'nuair a
bhitheas urraman an t-saoghail air an leagail anns an ùir,
Ma's beartas a ta thu ag iarruidh ; bheir nèamh ionmhas
dhuit ; agus ann an sin tha subhachas gu siorruidh. O !
na bitliibh 'nur luchd-tarcuis air an f hearann thaitneach,
agus na measaibh sibh fein neo-airidh air beatlia mhairean-
uaich, ; acli pòsaibh an t-oighre agus bithidh nèamh agaibh
mar bhur n-oighreachd. Dlùth-ghabhaibh ri Criosd, mar
tha e air a thairgse dhuibh san t-soisgeul, agus sealbhaich-
idh sibh na h-uile nithe. Imichibh ann an slighe na naomh-
achd, agus treòraichidh i chum na rioghachd sibh. Cogaibh
an aghaidh a' pheacaidh agus Shàtaiu, agus gheibh sibh an
ciTÌn. Treigibh an saoghal, agus bithidh dorsa neimh
fosgailte gu 'r gabhail a steach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence