Skip to main content

‹‹‹ prev (467)

(469) next ›››

(468)
460
bothan no air priosan ; cionnus a chuireas dearsadh ua
grèine mase air luchairt no air Phàras ! Rinn làthair-
eaclid ghràsmhor Dhe fàsach soilleir do Mhaois, gleann
sgàile a' bhàs soilleir do Dhaibhidh, àmhumn soilleir do 'n
triuir chloiune ; ciod a' mhaise thar tomhas a dh' èireas
an sin o Ghrian na Fìreantachd, a dhealruicheas 'na soil-
leireachd meadhon là air sraid na caithreach a ta air a
leagadh le h-òr fior-ghlan ! Cuiridh làthaireachd ghlòr-
mhor so Dhè ann au nèamh, glòir air na naoimh iad fèin.
Cha 'n 'eil maise sam bith auns an lios thaitneach, 'nuair a
luidheas dorchadas na h-oidhche air ; ach cuiridh dealradh
na greine maise air na beanntaibh a's duibhe : Mar sin
bithidh ladsan a ta nis mar bhuidealan anns an deathaich,
'nuair a chuirear iad ann an làthaireachd glòrmhor Dhè
glòrrahor araon ann an anam agus an corp I
San dara àìte, Bithidh aig ua naoimh aun an ncamh làn-
mhealtainu Dliè agus an Uain. Is e so an ni a shàsuicheas
gu h-iomlan an creutair reusonta, agus is e so fois shiorruidh
nan naomh. Ni so suas an uile uireasbhuidhean, agus
lionaidh e iarrtuis an anama, a ta 'n dèigh na h-uile ni a
fhuair iad an so, do ghnàth ag èigheach le mòr-thrioblaid
tabhair, tabhair, caileigin do ro-churam ; a chionn ged tha
iad a' mealtuinn Dho, gidheadh nach 'eil iad 'ga mhealtuinn
gu h-iomlan. A thaobh slighe agus gnò ua mealtuinn so
thar ar Tighearn ag innseadh duinn, Eoin xvii. 3. " Is
so a' bheatha mhaireanuach, eùlas a bhi aca ortsa an t-aon
Dia fior, agus air losa Criosd a chuir thu uait." A nis
tha dà rathad, air an aithnichear cuspair taitneach gu ro
iomlan agus gu ro-thaitneach ; tha aon diubh tre sheaUadh..
agus an aon eile tre f haireachdaiu : Sàsuiclndh sealladh an
tuigse, agus sàsuichidh faireachdain an toil : A rèir sin,
feudaidh neach a ràdh, gu meal na naoimh Dia agus an t-
Uan ann an nèamh, (I.) Le eòlas tuigse. (2.) Le eòlas
faireaclidaiu. Tha iad araon iomlau, tha mi ciallachadh,
a thaobli comas a' clireutair. Oir, air dhoigh sam bith
eile, cha 'n 'eil e'n comas do chreutair eolas iomlan a ghabh-
ail air Bith neo-chrìochnaichte. Tha na naoimh a bhos
a' mealtuinn Dhe, anns an eòlas a th' aca uime le iomradh,
o f hocal naorah, a ta iad a' croidsinu : tha iad 'ga f haic-
inn gu dorcha, aiui an gloine nan òrduighean ; a ta, mar
gu b' ann, a' taisbeanadh dealbh no sgàile an Fhir-nuaidh-
phò.sda, am feadh a ta e as an làthair : Tha aca mar aa

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence