Skip to main content

‹‹‹ prev (466)

(468) next ›››

(467)
459
bithidh a làthaireachd ghlòrmhor aca. Ann an sin tha iad
air an toirt dluth do righ-chaithir an Righ mhòir agus seas-
aidh iad 'na làthair, far an nochd e dhoibh a ghlòir do-
bhreanuichte. Ann an sin bithidh aca pàilliun Dhè, air am
bheil an neul, sgaile na glòire gabhail còmhnuidh, nàdur
uile-ghlòrmhor an duiue ann an Criosd, anns am bheil làn-
achd na diadhachd a' gabhail còmhnuidh, cha 'n ann fuidh
sgàile, mar ann an làthibh irioslachaidh, ach a' dealradh
tre 'n f heoil bheannaichte sin, (chum gu faiceadh na naoimh
uile a ghlòir,) agus a deanamh a' chuirp sin ni 's ro-ghlor-
mhoire na mìle grian ; air chor as nach bi feum aig a'
chaithir air a' ghrèin no air a' ghealaich ; ach, " Shoillsich
gloir Dhè i, agus is e an t-Uan a 's solus di," (na is coinneal
di,) Taisb. xxi. 23. Is e sin, gur e an t-Uan an ni
soillseach, no an corp soiUseach, a bheir solus do 'a chaith-
ir ; mar tha a' ghrian agus a' ghealach a nis a' tabbairt
soluis do 'n t-saoghal, no mar a shoillsicheas coiuneal
seomar dorcha : agus is e an solus a ta teachd o 'n t-
soillse ghlòrmhor sin, do 'n chaithir, glòir Dhè. Las a
choinneal siu air uairibh gle dhorcha, bha i air a folach
fo shoitheach, ann an laithibh irioslachaidh ; ach an dràs
agus a rìs, gu 'n do chuir i mach cuid d' a dealradh soluis,
a dhall suilean an luchd-amhairc ; ach tha i nis air a
cur gu h-àrd, ann an caithir ar Dè, far am bheil i deal-
rachadh, agus far an deah-aich i gu saoghal nan saoghal,
ann an iomlaineachd glòire. Bha i air cur a thaobh, aon
uair mar a chloch a dhiultadh leis an luchd-togalach : ach
a nis tha i, agus bithidh i gu bràth, 'na solus no na soillse
do 'n chaithir sin ; agus sin, " cosmhuil ri cloich ro luach-
mlior, mar chloich iaspis, soilleir mar chriostal," ranu 11.
Cò d' an urrainn sonas nan naomh a smuaineachadh,
ann an seòmar-làthaireachd an Righ mhòir, far an suidh e
air a chaithir-rìoghail, a' toirt air a ghlòir taisbeanadh gu
ro-shoilleir anns an duine Criosd ! Tha làthaii-eachd ghras-
mhor a" deanamh atharrachadh mor anns na naoimh san
t-saoghal so ; Is èigin d' a làthaireachd ghlòrmhor ann an
nèamh an gràsan a thoirt gu iomlaineachd, agus an comas-
an àrdachadh. Tha fiosrachadh aig na naoimh, gu 'n dean
làthaireachd Dhè a nis 'na ghras, gnè do ifrinn 'na nèamh
bheag dhoibh : Cia mòr air an aobhar sin is èigin do ghlòir
nèimh a bhi, le a làthaireachd an sin ann an glòir ! Ma
ni coinneal, ana an càileigin do thomhas, maise chur air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence