Skip to main content

‹‹‹ prev (468)

(470) next ›››

(469)
461
ceudna cuid a dh' eòlas faireachdain uime ; tha iad a' blas-
ad gu bheil Dia maith, agus gu bheil an Tighearna ^ràs-
mhor. Ach cha 'n fheum na naoimh shuas, deadh iomradh
air an Righ, chi iad e fèin ; uime sin sguiridh creidimh ;
Chi iad 'aghaidh fèin ; uime sin cha bhi òrduighean ann ni 's
mò ; cha bhi feum ni 's mo air sgathan. Olaidh iad, agus
olaidh iad gu pailte, dheth sin d' an do bhlais iad ; agus
mar sin sguiridh dochas, oir tha iad aig na criochaibh a 's
fhaide mach d' an iarrtuis.
2. Ann an nèamh, mealaidh na naoimh Dia agus an t-
Uau, tre shealladh, agus sin air dhoigh ro-iomlan : 1 Cor.
xiii. 12. " Oir tha sinn a' faicinn san àm so gu dorcha tre
ghloin, ach an sin chi sinn aghaidh ri h-aghaidh." Anns
au àm so cha 'n 'eil ar sealladh ach meadhonach, mar tre
ghloin, anns nach 'eil sinn a' faicinu nan nithe fèin, ach
dhealbhan nan nithe : ach ann an sin gheibh sinn beachd
soilleir air Dia agus air an Uan. Ann an so, cha 'n 'eil
ar n-eolas ach dorcha : Ann an sin bithidh e soilleir, guu
an coimeasga a 's lugha do dhorchadas. Tha 'n Tighearna
san àm so a' labhairt ri naoiinh, tre chliath nan òrduigh-
ean : Ach an sin bithidh iad anns an t-seomar làthair-
eachd maiUe ris. Tha sgàile san àm so air an aghaidh
ghlòrmhor d' ar taobh-ne : Ach 'nuair a tliig sinn chum au
tighe a 's airde bithidh an sgàile sin, tro 'm bheil cuid do
ghathan maiseach a nis a' deakachadh, air an tabhairt air
falbh ; agus an sin bithidh le maisealachd ghlòrmhor agus
iomlaineachd, nach facas annsan le sùilibh bàsmhor, air am
faicinn gu soilleir, oir chi sinn aghaidh, Taisb. xxii. 4.
Tha 'm focal air a thoirt o'n urram a chuireadh air cuid ann
an cùirtibh righrean, gu bhi 'nan luchd-feithidh, ler. lii.
25. mu " sheachd fir dhiubhsan a bha dluth do phearsa an
righ. gloir do-labhairt ! cumaidh an Righ mor a chùirt
air nèamh, agus bithidh na naoimh uile nan cùirteirean aige,
a ghnàth dluth do phearsa an Righ, a' faicinn 'aghaidh !
" Bithidh righ-chaithir Dhè ag-us an Uain innte ; agus ni a
sheirbhisich seirbhis dha, agus chi iad 'aghaidh."
(1.) Chi iad losa Criosd le 'n suilibh corporra, a chionu
nach cuir e gu bràth a thaobh nàdur an duine. Chi
iad a ghnàth an corp ghlòrmhor beannaichte sin, a ta gu
pearsanta comh-cheaugailte ris an nàdur dhiadhaidh ague
a ta air ardachadh fad os ceann uachdranachd agus cumh-
achda, agus na h-uile ainm a dh' ainmichear. Anu an siu
Qq3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence