Skip to main content

‹‹‹ prev (271)

(273) next ›››

(272)
264
fuidli plicin a' mhallachd ; agus gur e deanadas, agus nach
e dùrachd maith a dheanamh, a ni gnothuch. Cha'n f hogh-
ain dùrachd deanamh ni 's fearr, do iarrtuis an lagha ; agus
air an aobhar sin tha 'm mallachd a' seirm a rìs, " Is mal-
laichte gach neach nach buanaich" — chum an deanamh !
Is e sin ; da rireadh an deanamh : is ann an diomhanas
air an aobhar sin a ta dùrachd.
San ochdamh àite, Air dha bhi air a ghearradh as o
dhochas cordadh ris an lagh, toisichidh e air iasachd : tha
e faicinn nach dean gach ni a 's urrainn da dheanamh, gu
ùmhlachd a thoirt do 'n lagh, agus uile iarrtuis gu bhi agus
gu deanamh ni's fearr, anam a thearnadh ; uime sin tha e dol
a dh' ionnsuidh Chriosd, a' ghuidhe gu dean f hìreantachd-
san suas na tha dh' uireasbhuidh 'na f ireantachd fèin, agus
gu'm folaich e gach uireasbhuidh a ta 'na dheanadais agus
'na f hulangais, chum as mar sin gu 'n dean Dia, air son
Chriosd, gabhail riu, agus air a sin gu 'm bi an rèite air a
deanamh. Mar so a' deanamh na's urrainn dha a choi-lion-
adh an lagha, agus ag amharc ri Criosd, gu uireasbhuidhean
a dheanamh suas, tha e teachd mu dheireadh gu codal ann
an craicionn slan ! 'S iomadh neach a ta air an sgrios air an
dòigh so : B'e so mearachd nan Galatianach, mu 'ra bheil
Pòl, 'na litir d' an ionnsuidh, a deasboireachd ; ach tha
Spiorad Dhè a* briseadh a' pheacaich o 'n ghreim so mar
an ceudna, leis an f hirinn mhor sin a thoirt a steach air
a choguis, Gal. iii. 12. " Cha 'n 'eil an lagh o chreidimh ;
ach, an duine a ni iad gheibh e beatha annta." Cha'n
fheudar an lagh agus creidimh a choimeasga anns a'
ghnothuch so ; 's èigin do'n pheacach greim a dheanamh
air aon diubh, agus an aon eile leigeadh uaithe : tha slighe
an lagha agus slighe a' chreidimh, co faa o cheile, is nach
'eil e comasach do pheacach imeachd anns an aon, gun
teachd (mach) o'n aon eile ; agus ma bhios e air son deanamh,
is eigin da an t-iomlan a dheanamh 'na aonar : cha dean
Criosd cuid air a shon, mur dean e an t-iomlan : trusgan
a ta air a dheanamh suas do iomadh gnè fhireantachd,
cha trusgan e a ta iomchuidh air son cuirt neimh. Mar
so tha'n duino bha ann am bruadar, agus a shaoil gun robh
e 'g itheadh, air a dhusgadh leis a' bhuille, agus feuch tha
'auam fann ; tha 'chridhe dol sios ann mar chloich, 'nuair
tha e mothachadh nach urrainu e 'uallach a ghiùlan leis fèin,
's nach mo is urrainn dha comhnadh f haotaiun fuidhe I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence