Skip to main content

‹‹‹ prev (270)

(272) next ›››

(271)
263
e osnaich throm dhomhain, ni e bròn searbh, glaodhaidh
e le deoir air son maitheanais, gus an oibrich e chridhe gu
barail gu 'n d' f huair se e ; air dha mar so dioladh a dhean-
amh air son na chaidh seachad, agus a' cur roimhe a bhi
'na sheirbhiseach maith do Dhia, agns gu cumail air agh-
aidh ann an ùmhlachd o 'n taobh a mach agus o 'n taobh a
steach san àm ri teachd : ach is èigin gu 'n teid a bhuiUe
fathast ni's dluithe do 'n chridhe, mu 'n tuit a gheug
dheth ; nochdaidh an Tighearna dha, ann an sgathan an
lagha, mar a tha e peacachadh anns gach ni a ta e dean-
amh, eadhon an uair a tha e deanamh mar is fearr is urr-
ainn da ; agus uime sin tha 'n fhuaim uamhasach a' pill-
eadh g'a chluasaibh, Gal. iii. 10. " Is malluichte gach
neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta
ann an leabhar an lagha, chum an deanamh — 'Nuair a
thraisg agus a ghuil sibh, a deir an Tighearna, an do
thraisg sibh idir air mo shonsa, eadhon air.mo shonsa?"
An dean uisge salach eudach glan ? An diol thu air son
aon pheacadh le peacadh eile ? Nach deachaidh bhur
smuainte air seacharan 'na leithid so do dhleasnas ? Nach
robh bhur n-aignidhean fuar ann an dleasnas eile ? Nach
d' thug bhur cridhe sealladh strìopachail air a leithid so
do iodhol ? Agus nach d' eirich e ann am braise do mhi-
f hoighidiu fuidh leithid so do thrioblaid ? " An gabh mise
sin 'r laimh ? Mallaichte gu robh am mealltair a dh'
iobras ni truaillidh do 'n Tighearn," Mal. i. 13. Agus mar
so tha e air teachd gu bhi co fada air a ghearradh dheth,
as gu bheil e faicinn nach 'eil e comasach air agartasan an
lagha choi-lionadh.
San t-seachdamh àite, Uaith so, mar dhuine briste, a ta
faicinn nach urralnn dha fhiacha uile iocadh, theid e mu 'n
cuairt a chordadh ri fhear-feich : agus air dha bhi 'n tòir
air fois agus sòlas, tha e deanamh na's urrainn dha a
choi-lionadh an lagha ; agns anns na bheil e failneach, tha
e 'g amharc gu 'n gabh Dia an toil an àit a' ghniomh ! Mar
so a' deanamh a dhleasnais, agus air dha bhi toileach d«an-
amh ni 's fearr, tha e 'ga mhealladh fein gu barail mu
mhaitheas a staid, agus le so tha na mìltean air an sgrios !
Ach gheibh na daoine taghta buille eile, a dh' fhuas-
gaileas an greim anns a' chor so : tha teagasg an lagha
air a chur a stigh air an coguisean, a' taisbeanadh dhoibh gu
bheil ùmhlachd choi-lionta agus f hoirfidh air iarraidh leis

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence