Skip to main content

‹‹‹ prev (272)

(274) next ›››

(273)
265
San naothadh àite, Ciod as urrainn neach a dheanamh,
d' an eigin paigheadh, agus aig nach 'eil aon chuid urr-
ad da chuid fèin as a bheir a macli à fhiachaibh e, ni mò is
urrainn dha fhaotainn an iasachd, agus is nàr leis an dèirc
iarraidh ; ciod is urrainn a leithid siu do neach a dhean-
amh a deiream, ach e fèin a reic, mar an duiue fo 'n lagh
a dh' fhàs bochd ? Lebh. xxv. 47. Uime sin air do 'n
pheacach a bhi air a bhualadh o na greimannaibh sin uile,
theid e mu'n cuirt a dheanamh cumhnanta ri Criosd,
agus gu e fèin a reic ri Mac Dhè, (ma dh' fheudas mi
labhairt mar sin) gn cinnteach a' gealltainn agus a' bòid-
eachadh, gu bi e 'na sheirbhiseach do Chriosd, co fàd
's as beò e, ma thearnas e 'anam ! Agus ann an so,
gu tric, ni am peacach cumhnanta air a shon fein ri
Criosd, ga thoirt fèin thairis dha air na cumhacha sin :
seadh, agus gabliaidh e an Sàcrameint a dheanamh a
churahnanta cinnteach. Le so is e curam mòr an duine,
cionnus a bheir e ùmhlachd do Chriosd, a choimhideas
a aitheanta, agus mar sin a chumhnant' a choi-lionadh :
agus ann an so gheibh an t-anam sìth bhrèige mhi-
fhallain car tamuill, gus an toir Spiorad an Tighearu
buille eile, gus an duine ghearradh o'u dìdein bhrèige so
mar an ceudna ; agus tha sin a' tachairt air an doigh so :
'Nuair a dh' fhaiUnicheas e anns na dleasnais a gheall e,
agus a thuiteas e rìs a' pheacadh an aghaidh an d'
rinn e cumhnanta, tha sin gu cumhaclidach air a chur
dhachaidh gu 'choguis, gu bheil a chumhnant air a bhris-
eadh. Mar sin tha uile chomhfhurtachdau ag dol air
falbh, agus tha uamhasan as ùr a' glacadh 'anama, mar
neach a bhris cumhnanta ri Criosd ; agus gu coitchionn
tha'u duine, chum e fèin a chuideachadh, ag ath-nuadh-
achadh a chumhnanta, ach tha e 'ga bhriseadh a rìs mar a
rinn e roimhe ! Agus cionnus a tha e comasach gu'm
bitheadh e air dhòigh eile, a chionn gu bheil e fathast air
an t-seann stoc ? Mar so cha'n 'eil ann an obair mòran do
dhaoine, fad an uile lìiithean a thaobh an anama, ach a
deanamh agus a' briseadh an leithide sin do chumhnantan
a rìs agus a rìs.
Ceisd. Theagamh gun abair cuid, cò a ta beò, agus nach
peacaich ? Cò an neach nach tig goirid anus na dleas-
na is a ta e cuairteachadh ? Ma tha thu tilgeadh an doigh so
mar ni mi-fhallain, cò ma seadh an neach a dh' fheudas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence