Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
116 OBAIN.
Rtef 's an tack ac' gun fhuasg-ladh,
'S iad a' coiseachd gu h-uallach,
Le'n cuid phutanan suaicheant',
Feuch am buair iad fear ch. viuUA
Sud na maighdeanan guanach, auA^*-*€t<^
Bhios a' casad an gruaige, C^t^^'Ot'^JU.
Agus pad air a shuaineadh
An lagan cruaidh chùl an cinn.
Le'n cuid adaychean neònach
Sios a' falach an sròine,
An dèis an cur ann an òrdugh,
Gu bòidheach le siod'.
'S iad a thionnd'as gu h-uallach
Ma bhios fleasgach ri 'n guallainn,
Feuch an dean iad a bhuaireadh,
O, mo thruigheagan sibh !
Ged a dheanadh tu 'ni pòsadh,
'S doirbh an cumail an òrdugh,
'S nach dean iad car dòigheil
Gus an òl iad an tea.
Sud an tni rinn an aimhsg
Bho 'n là thàinig i dh' Alba, '^ «v
'S beag a chunnaic ar seana-mhathair
Dhi, gu dearbha, r'a Hnn. ^
'S leibh, gu cinnteach, ro shearbh i, JumXt^
Tha i 'goid uainn an airgid.
'S mur-a sguir sibh dhe h-eanruich
'S ann a mharbhas i sibh.
Ged a gheibheadh sibh pàiste, ^
Cha 'n urrainn duibh 'àrach, /OÌ^K
Bithidh ur cridhe ga 'fhàsgadh
Leis a' chnàmh a tha innt'.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence