Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
GHAIDEEALACU.
Ged bhiodh airgiod a' chrùin ac'
Gu'n cuireadh iad ùmp' e
Ann arp fasanan ùra,
'S aobhar thurs' bhi 'g- a inns'.
Ged a theannainn ri àireamh
Na h-uile fasain' tha'n drasd' ac,
Bho nach d' ionnsaich mi Grammar,
Cha dean Gàidhligf a' chùis,
Air na h-ainmeanan neònach
A tha 'n duigh aig an òig-ridh
Air na h-eididhean bòidheach,
Tha ga'n còmhdach as ùr :
Bidh lìarinn air an g-uaihbh, ««w«.
'S pelisse mu na cruachain, <Jir%*m^^*i^mms.
'S frills eil' ac' air fhuaigheal
A' dol mu'n cuairt aig- a' ghlùin,
Bidh elastic 's na brògan,
'S cordovan anns a' chòr dhiubh ;
I^e'n cuid sgàileanan bòidheach
A' còmhdach an sijl.
Sud na fasanan mealltach
Thàinig h-ug:ainn bhar Galldachd ;
Uiread clèibh air a' cheann ac',
'S cnota teann uime 'shlod.
Le'n cuid aodaichean uachdair,
'S beag- a chumas de'n fhuachd diubh ;
Double skirt air an cruachayn,
Co 's uallaich' na sibh !
Mar gu'm faiceadh tu bàta
Bhiodh a' tighinn thar sàile, 0h0i>r-
Bhiodh am peak air a theàrnadh
A' tigh'nn a mhàn thun a' chroinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence