Skip to main content

‹‹‹ prev (136)

(138) next ›››

(137)
GHAIDHEALACE. 117
Gheibh sibh botul an uair sin,
'S piob a dh-Indian suas ann,
'S beag an t-iòghnadh an sluagh sin
A bhi, mo thruaig-he, gun chlì !
j Ma thig- cog-adh no cruadal, ^
'X' 'S olc an urra 'n càs cruaigh iad,
Bidh an naimhdean an uachdar,
Bho 'n chaill an sluagh ud an cli.
Bho nach deachaidh an àrach
Leis a' chich aig am màthair,
Cha bhi tapadh no tàbhachd,
Anns an àl ud 'n àm strìth.
'S beag an t-ioghnadh na truaghain,
A bhi gun ghaisge gun chruadal.
Bho 'n a chreachadh an tuath-cheatharn,
'S a thugadh uatha gach ni.
'S nach 'eil sion a bhios sijghmhor,
No 'chinneas 's an dìithaich,
Nach toir soitheach na smùide,
An ceann gach ùin' as an tir !
NA TULAICHEAN. ^
Seisd. — Bho Thulaichean gu Bealaichean,
'S bho Bhealaichean gu Tulaichean ;
'S mur faigh sinn leann 's na Tulaichean,
Gu'n òl sinn uisge Bhealaichean.
Bu Ghriogarach da-rireadh,
A Ruadh-shruth an Gleann-liobhann,
A rinn an ceòl tha riomhach,
Ris 'n canar leinn "Na Tulaichean."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence