Skip to main content

‹‹‹ prev (109)

(111) next ›››

(110)
90 OBAIN
Gach dreach 'th'air an nìonag, 0, 's deacair dhomh 'n innseadh
'Tha farasda, fìnealta, inntinneach, òg;
Mo rùn do chaol mhala, do mhiog-shuilean nieallach —
Deud geal 'n ad bheul tairis, gruaidh thana mar ròs.
Tha soirbheas air èirigh o bhruaillein nan speuran,
'Cur luingeas 'n an èiginn, 's a' reubadh nan seòl;
Cha 'n fhaodar leam aiseag, o 'n chaochail an latha —
Tha 'n caol 'n a chaoir gheala, 's muir ghreannach fo chròic.
Na'm biodh agamsa sgiathan, 's mi 'shracadh an iarmailt,
Ged a bhacadh gaoth'n iar mi, agus iarguil nan neòil,
Gu'm bithinn, 'cheart ain-deoin', ri guallainn mo leannain,
B' e m' ulaidh, a's m' aighear, 'bhi 'teannadh 'g a oòir !
DI-MOLADH AN UISGE-BHEATHA. ^
Leis an Lighiche Mac-Lachainn, nach maiheann.
AiR FoNN : — " Crodh-laoigh nain bodach."
Cha 'n òl mi deur tuille, deur tuille, deur tuille, —
Cha 'n òl mi deur tuille, deur tuille de 'n dram ;
Cha 'n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
'S nii cinnteach gu 'n cuireadh e 'n tubaisd am cheann.
Gur mis' tha gu brònach, am luidne 's tigh-òsda,
Mi 'teannadh ri òran le bòidean gu teann ;
Ag èirigh air m' uilinn, 's ag èigheach gu duineil —
" Cha 'n òl mi deur tuiUe, deur tuille de 'n dram."
'S tròm, èisleineach m' aigne 'n àm èirigh 's a' mhaduinn,
Mo bhriogais mu m' chasan 'g a tarruing a nall ;
Mo bhriogais 'n a stròicean, cha dean i mo chòmhdach —
'S e èigheach nan stòp 'chuir am pòca cho gann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence