Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
GHAWHEALACH.
Chaidh a' ghrian fo stuaidh 's an iar
Dh' fhàg i fiamh air nial a' chuain ;
S èiginn domh o 'n àird 'bhi 'triall —
Sguir an eunlaith fèin d' an duan.
Mìle beannachd leat an nochd —
Cadal dhuit gun sporchd, gun ghruaim :
Slàn, gun acaid feadh do chlèibh,
Anns a' mhaduiiin, 'g eirigh suas.
//
OR AN .
Leis an Lighiche Mac-Lachainn, nach maireann.
AiR FoNN : — " Hail to fhe Chief."
S neo-shunndach leam m' aigne o'n dhùisg mi 's a' mhaduinn,
'S mo shùil thar an aisig gu glas-bheinn a" cheò ;
Mo dhùrachd 'bhi thall ud, 'bhi dlùth ris an ainnir,
Le sùgradh tairis 'g a tarruing am chòir.
Gur muladach m' inntinn, fo airsneul 's fo mhìghean,
Ag ionndrainn na h-ìonag, a's briodal a beòil :
Bho'n chaidh mo ghaol lurach nuU thairis do Mhuile
Cha dean mi car tuille ach tuireadh a's bròn.
Ge sunndach, 's ge h-èibhinn, 's an ùr mhaduinn chèitein,
'Bhi 'dìreadh nan slèibhtean 's ag èisdeachd nan eòin —
Ge h-ùrail an sealladh dealt dlùth a's drùchd meala
'Bhi 'lùbadh gach meangain, 's a sreamadh gach feòirn ;
'S ann tha aobhar mo chùraim thar caol nan tonn dìi-ghorm,
'M bi luingeas a brùchdadh fo thùchadh nan seòl ;
Mo dhùil ri dol thairis a nuU thar an aisig,
'S gu'n dùisginn an ainnii- le aithris mo bheòil.
Mo dhùil ri dol thairis, 's mo shùil air a' chala,
Tha smùid thar a' bhaile mar bhadan de 'n cheò ;
Bu luaineach mo chadal le bruadair mu'n ainnir,
Is suairce 's is ceanalt' 's is banaile nòs.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence