Skip to main content

‹‹‹ prev (107)

(109) next ›››

(108)
OBAIN
OR AN . /y^
Lels an Lighiche Mac-Lachainn, nach maiheann.
So 'n am shìneadh air an t-sliabh,
'S mi ri iarguin na bheil bhuam,
'S tric mo shùil a' sealltuinn siai',
Far an luidh a' ghrian 's a' chuan.
Chi mi thall a h-aiteal caomh,
'Dearrsadh caoin ri taobh na tràigh ;
'S truagh nach robh mi air an raon
Far an deach' i claon 's an àillt.
'S truagh nach robh mi an tràs'
Air an tràigh a's àirde stuadh,
Ag èisdeachd ri còmhradh tlath
Aig an òigh is àillidh snuadh.
Aig an òigh is àiUidh dreach,
^ gile cneas, 's is caoine gruaidh ;
Mala shìobhalt', min-rosg rèidh
Air nach èireadh brèin' no gruaim.
! na 'n innseadh dhomh 'ghaoth 'n iar,
'N uair a thriallas i thar sàil',
Ciod an dòigh a th' air mo ghaol —
'Bheil i 'smaointinn orms' an tràs?
'N uair a shìn mi dhuit mo làmb
Air an tràigh, a' fàgail tìr,
'S ann air èiginn rinn mi 'ràdh,
" Soraidh leat, a ghràidh mo chrìdh'."
'N uair a thug mi riut mo chùl,
Chunnaic mi thu 'briichdadh dheur ;
Ged a shuidh mi aig an stiùir,
'S ann a bha mo shùil am dhèigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence