Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
GHAIDHEALACR.
Anns a' mhaduinn chunnaic mi
Thu ann ad sheasamh air leth sgìos,
'S fear an teagaisg a' cur sìos duit —
Cha bu bhinn a chainnt leam !
Ged a bhiodh tu 'dol fo 'n fhòid,
An ciste chumhainn, chaoil nam bòrd,
Cha bhiodh do ghnùis gun tuar na 's mò
'N uair chaidh na bòidean teann ort.
'S e sud a chum mi fèin fo phràmh,
'N am shuidhe diùididh am measg cliàich,
Gu 'n d' thug thu 'n t-sùil ud orm cho blàth,
Ged bha thu ad bhean-ljainnse.
'S tric a bhòidich thu ri m' thaobh
Nach tigeadh mùthadh air do ghaol ;
Ach b' èiginn sud a chur fa sgaoil
Bho 'n chinn an saoghal gann dhuiiin.
Mur biodh a' h-uile cùis mai- tha,
'S mi anns an àm so gann 'am làimh,
Cha leiginn thu le fear gu bràth,
Ged dheanadh càirdean aimhreit.
Gur soithreamh, sìobhalta do ghnnis,
Fo d' mhala chaol nach claon le mùig ;
Bu chiùin, ro aoidheil leam do shùil,
Cho caoin ri drùchd an t-samhraidh.
Eisdeachd fòil 'ri d' òrain loinneil,
'S binne còir na ceòl a' choilich,
Moch air maduinn cheo a ghoireas,
Anns an doire 'canntail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence