Skip to main content

‹‹‹ prev (100)

(102) next ›››

(101)
GHAIDHEALACE.
Sùil amach anns gach àite,
'S gheibh thu màldag bhios luiach,
'S leig dhomhsa mar tha mi,
'Dol bàs leis a' mhulad.
EsAN. — Ach ma ichaidh thu, ghaoil, tliaiiis,
'S nach leannan thu dhòmhsa,
(jru'n cluinn mi ga aithris,
(iuv neach air deagh dhòigh thu.
Le crodh druimionn a's guaillionn,
Air do bhuaile mar chomhla ;
Tè èile ga 'n cuallachd,
A's thusa fuSgheal ad sheòmar. c\_l
IsE. — Bheirinn comhairl' air caileig,
Gun bhi amaideach, gòrach,
'S gun i thoirt a gaol-falaich, >
Do bhalach air bhòi^chead ; ^' (
Ged bhios e beulach a' tighinn,
Bidh a chridhe fuar, reòta,
'S bidh a shùil a's a dheigheadh,
Dh'fheuch co roghainn is bòidhche.
CRUINNEAG BHOIDHEACH A' CHUIL BHUIDHE.
Seisd :— Cruinneag bhòidheach a' chùil bhuidhe,
Gruaidh mar ròs 's a pòg mar ubhal :
Cruinneag bhòidheach a' chùil bhuidhe,
Tha mi fo leann-dubh ad dhèigh.
Moire, 's mis' a tha fo mhulad,
Bho 'n là fhuair mi sgeul na dunach !
Thug iad uam thu 'luaidh gun fhuireach,
'S dh' fhag sud mise 'sruthadh dheur.
Cruìnneag, etc.
/
a^ Q^A.x^ £ì^.\^^i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence