Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
OBAIN
Ach ma thi èig thu mi gu buileach,
Le bieug nan droch bhèistean siubhail,
Dh' fhàg sud mise deurach, dubhach,
'S ga d' chumha 's e is dùth dhomh 'n t-eug.
Cruinneag, etc.
'S ged nach innis mi do dhuin' e,
'S ann an I a tha I fuireach,
Ribhinn shìol)halt nan ceum lurach,
'S i mar uiseig air bhàrr gèig.
Cruinneag, etc.
Peucag shuairce 'chuach-fhuilt bhuidhe,
'Choisinn buaidh am measg nan cruinneag ;
Oigh na h-uaisle. luaidh gach duin' thu,
Suairce, furanach, neo bhreun !
Cruinneag, etc.
Tha do shlios mar fhaoileann tuinne,
Clochan corrach air uchd lurach,
Do mhac-samhuil ann an cumadh,
Cha 'n 'eil 's a' chruinne gu lèir.
Cruinneag, etc.
Tha do ghruaidh cho dearg 's na ròsan,
Muineal geal mu 'n iadh an t-òmbar,
'S tu mo h'Ii 'measg nan òighean —
Ann ad bhòichead cha 'n 'eil meang !
Cruinneag, etc.
Gur a lionmhor mais a' fàs ort^ —
Cha 'n aithne dhomh trian dhiubh àireamh.
Anns gach beus cha lèir dhomh d' fhàilinn —
'xhug thu bàrr air cach gu lèir !
Cruinneag, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence