Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
32 Duatharachd na Mara
leigeadh ris dhuinn mar tha ceol-gàire is cràbhadli an
t-sluaigh, am beul-aithris 's an gnath 's am beaclidan gu
leir, air an neulachadh le duatharachd na mara. B' e 'n
ceart ioghnadh e nach robh aignidhean an t-sluaigh air
an tur-shaobhadh is air an criibadh gu neoni fo cheannas
na duatharachd sin. Ach is e theirteadh ' gur h-ann air
comhairle na gaoithe tha 'n cuan," agus a chionn gu
robhas a' creidsinn an co-lorg sin ' gur h-ann air comh-
airle High nan Dili tha ghaoth,' bha ni-eigin an inntinn
an t-sluaigh a bha cumail lamhachas-làidir na mara o
thighinn gu cearrachas-laidir air a taobh-se, is gu
tràillealachd air an taobh-san. Ach 'na dheidh sin 's
d' a aindeoin, is e toiseach is deireadh an sgeòil gu'm
b' ann is gur h-ann de 'n chuan beatha 'u Eileanaich,
agus ma tha cluas na h-òige fosgladh, gu bheil cluas na
h-aoise diinadh, ri a ghàir.
Tha 'n ceo 's an druchd,
Tha 'n druchd 's an ceo,
Tha 'n ceo 's an druchd
An siiil mo ghràidh,
An sviil mo ghràidh.
A Thi dh' fhosgail an t-suil òg,
Dùin i 'n nochd an clo a' bhàis,
An clo a' bhàis.
Tha gàir a' chuain,
A nuall 's a ghàir,
Tha gàir a' chuain
An cluais mo ghràidh,
An cluais mo ghraidh.
A Thi bheairtich an ùr-long,
Stitiir i 'n nochd thar tonn a' bhàis,
Thar tonn a' bhais.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence