Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
Duatharachd na Mara 31
'Nuair thig Rocabarraidh ris,
Is dual gu 'n teid an saoghal a sgrios.
Thathas ag ràdh gu bheil cuid de na li-ollamlian a'
faotainn a nis lorg laclia, no theagamh gur h-e lorg
geòidh, thun nan Eilean-sgeòil sin, is a' toirt h-Irt mar
ainm air a' mlior-roinn diubh. Ach biodh iad ceart no
cearr, is diomhain an saotha.ir. B' ann de 'n chridhe,
agus cha b' ann de 'n fhradharc, na h-Eileana-sgeòil ; is
ged bbuailteadh Tir nan Og am màireach, an earar
bhiodh Eilean-sgeoil eil' ann na b' fhaide macli 'sa'
chuan ; agus cha tig an latha chi siiil no shaltras cas tir ar
n-ionndrainn.
Nis na'n ceadaicheadh an duilleag, ui nacli ceadaicli,
b' fhurasda shoilleireacliadh mar tha beatlia 'n Eilean-
aich, o bhreith gu bbas, air a combdacb, mar gu 'm
b' eadh, le duatharachd na mara. Theirteadh gu 'm
biodh lùth is aigneadh an duine a reir an t-siùil-mhara
bh' ann 'nuair a rugadh e, agus gu 'm biodh rath an
lionaidh no rosad an tràghaidh air fhad 's bu bheo e.
Agus ma thachair gu robh a' ghealach a reir a' chuain
'san am, bha ceann cinnt air a' chiiis an sin.
Rugadh Calum-cille mo ghràidh
Ri cuan an lionaidh,
Ri gealach an fhàis,
'S b' e 'n t-àilleagan e fein.
Agus a reir an sgeòil, 'nuair rugadh liidas bha cuan a'
tràghadh is gealach a' cnàmh, agus a thaobh 's gu robh
bha ra-dorcha air a bheatha-san riamh. Theirteadh cuid-
eachd gu'n d' rugadh Pilat ri marbh-shruth na contraigh
— agus nach robh bhuil air ? Cha b' fhios da riamh de'n
taobh a ghabhadh e, is cha robh seasmhachd 'na ghniomh
no earbsa ri chur 'na fhacal. Ach cha 'n e aon cheilidh
no da cheilidh a chuireadh crioch air an sgeul sin, no a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence