Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT, 33
Agus anis 'nuair a slieallas sinn ris gach earail
eile, a gheibhear anns an treas roinn de'n Litir
chum nan Eòmanach, chithear an dearbh-bheachd
cèudna air a theagasg dhuinn anns gach earail.
Nach 'eilear a' comhairleachadh dhuinn a bhi
iriosal agus dìchiollach ann an gnàthachadh nan
tiodhlac a ta air an earbsa ruinn ? Nach 'eilear
ag ràdh gur " aon chorp ann an Criosd sinn, agus
gur buill sinn gach aon fa leth d'a chèile ?" Ròm.
12. 5. Thatar a' comhairleachadh dhuinn a bhi
" teo-chridheach r'a chèile le gràdh bràthaireil."
Bòm. 12. 10. Ach cò ìadsan a tha air an comh-
arrachadh amach leis na briathraibh " r'a chèile ?"
Cò ach na " bhràithrean" ris am beilear a' labhairt
anns a' cheud rànn de'n chaibdeil, ìadsan uile aig
am bheil dearbh-bheachd gur bràithrean ìad d'a
chèile, gur comh-bhuill ìad d'a chèile, agus sin do
bhrìgh gur bràithrean agus buill do Chriosd ìad.
" A' deanamh gàirdeachais ann an dòchas." Ròm.
12. 12. Ach cò a b'urrainn sin a dheanamh ach
iadsan a tha cìnnteach gu'm bheil am bonn
dòchais — Criosd — aca. Tha earail air a toirt
dhuinn gabhail r'a chèile. Ach ciamar ? " Uime
sin gabhaibh-se r'a chèile, eadhon mar a ghabh
Criosd ruinne, chum glòire Dhè." Uòm. 15. 7.
Nach 'eil sin anis a' dearbhadh gu làn shoilleir
gu'n robh dearbh-bheachd air slàint aig a' mhuinn-
tir ris am bheil na briathran sin a' labhairt. A
dh-easbhuidh sin cha bhitheadh seadh, no brìgh,
no cumhachd air-bith anns na h-earailibh sin.
Tha'n t-Abstol anns an Litir chum nan
Corintianach a' toirt earail dhoibh gun uaill a
dheanamh à duine. Carson ? " Oir is leibh-se na
h-uile ni : ma's è Pòl, no Apollos, no Cèphas, no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence