Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
32 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
Agus ciod è nis am bònn, no an stèidh air am
beilear a' toirt nan earailean sin uile ? " Cionnus
a dh'fheudas sinne," deir an t-Abstol, " a tha
marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheadh ni's
faide ann ?" " Air fhios so a bhi againn, gu bheil
ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnus
gu'm bitheadh corp a' pheacaidh air a sgrios, chum
à so suas nach deanamaid seirbhis do'n pheacadh."
Eòm. 6. 2, 6. Ciod is fheàirrd cridhe neach air-
bith na h-earailean sin, mur urrainn è a ràdh le
dearbh-bheachd cìnnteach gu'm bheil è air aonadh
ri Criosd, gu'm bheil è marbh do'n pheacadh,
agus gu'm bheil a sheànn duine air a chèusadh
maille ri Criosd ? no ciod is f heàirrd è teagamh ?
Ach arìst, " Mar sin mar an ceudna measaibh-se
gu bheil sibh-fèin gu deimhin marbh do'n pheac-
adh, ach beò do Dhia tre losa Criosd ar Thighearn.
Air an aobhar sin (comharraich na briathran so
air an aohhar sin) na rìoghaicheadh am peacadh
ann bhur corp bàsmhor, air chor as gu'n tugadh
sibh ùmhlachd dha 'n a ana-miannaibh." Èòm.
6. 11, 12. Agus arìst anns an ath ràan, " Thug-
aibh sibh-fèin do Dhia, mar dhream a tha beò o
na mairbh, agus bhur buill 'n an armaibh fìrean-
tachd do Dhia, Oir cha bhi aig a' pheacadh
tighearnas oirbh : oir cha n-'eil sibh fo'n lagh,
ach fo ghràs." Nach 'eil è fìor shoilleir nach
urrainnear earailean mar sin a thuigsinn le neach
air-bith, ach leo-san a tha, cha n-è mhàin 'n an
Chriosduidhean, ach aig am bheil fios gur Criosd-
uidhean iad-fèin. Gheibhear argumaid a' chaib-
deil so uile ag aideachadh gu'm bheil dearbh-
bheachd air slàint aig a' mhuinntir gus am bheil
è air a sgrìobhadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence