Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
34 DEARBn-BIIEACHD AIR SLAINT.
an saoghal, no beatha, no hàs, no nithean a ta
làthair, no nithean a tha ri teachd ; is leibh-se iad
uile ; agus is le Criosd sibhse ; agus is le Dia
Criosd." 1 Cor. 3. 21-23. An so mar ann an
àitibh eile, thatar a' labhairt ri Criosdiiidhean
mar phobull Chriosd, mar pobull a bhuineas dà,
dealaichte bho shluagh neo-ìompaichte, a tha
" de'n t -saoghal." Ach ciod a b'fheàirrd cridh-
eachan sluaigh air-bith a ràdh riu, " Is le Criosd
sibhse," mur bitheadh fios aca gur le Criosd ìad?
Faic arìst an rabhadh a tha'n t-Abstol a' toirt do
Chriosduidhean, ag ràdh, " Na cuing-cheanglar gu
neo-chothromach sibh maille ri mi-chreidmhich,"
mar sin a' labhairt riu gii dìleas, dìreach air
gach cùis mar mhuinntir aig am bheil fios gur
creidmhich iad-fèin, gurfìreona ìad, gur ìad clànn
an t-soluis agus buill Chriosd. Agus maille ri sin
tha'n t-Abstol ag ràdh, " Ciod a' chu-rèite a tha
aig teampull Dhè ri h-ìodholaibh ? Oir is sibhse
teampull an Dè bheò ; a rèir mar a thubhairt Dia,
Gibhaidh mise còmhnuidh annta, agus gkiaisidh
mì 'n am measg ; agus bithidh mise a'm' Dhia
aca-san, agus bithidh iadsan 'n an sluagh agam-sa."
2 Cor. 6. 14-16.
Seallamaid anis anns an Litir chum nan Ephe
sianach agus chì sinn an sin gairm iongantach
na h-Eaglais auns a' cheud, anns an treas agus
anns a' cheathramh caibdeil, agus na trì chaibdeil-
ean mu-dheireadh a' teagasg dhì gluasad areir na
gairme sin. Tha'n t-Abstol ag ràdh anns an dara
roinn de'n Litir so, " Uime sin, tha mise prìosan-
ach an Tighearn', a' guidhe oirbh gu'n gluais sibh
gu cubhaidh' do'n ghairm leis an do ghairmeadh
sibh." Eph. 4. 1. Agus tha gach earaila gheibh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence