Skip to main content

‹‹‹ prev (115)

(117) next ›››

(116)
[ 112 ]
fhàgail. Chaidh iunse dha ann an so, an deigh do na
Gàeilimeachd tre Ashbourn Leek 3igiis,MhaccJesJìeld, gnn
dh' f hag iad air a mhadainn sin fèin Manchester agus
gun thriall iad gu Wigan.
Feadh sa' bha na Gàeil a' triall air an ruaig bha iad
a siubhal cho riaghailteach agus cho beag fiamh 's ged
nach biodh an tòir orr' idir, agus cha mhò a leig iad leis
an nàmhaid au cothrom bu lugh' fhaotainn orra fèin no
air an cuid trealaich, ged a bha iad a siubhal da'n cois
agus an t-àrm-dearg air eachabh chum iad a ghnà uighe
mhath astair an ceann orra, gun bhuille gun urchair
fbaotainn fad dà latha dhiag, agus da' latha dhiù sin a
chur seachad na'n stad ann am Preston agus ann an
Lancaster. Air an dara làtha diag de'n mhìos thàinig
marc-shluagh Sheanalair Wade ann an ceann feachd
Dhiùc Uilleam. Bha'n t-àrm dearg a bha nis an tòir
air na Gàel ma thuaiream da-fhichead ceud marcach.
agus chum iad air an astar bho Phreston tro ròidean a
bh'air fàs ro olc le flichead na h-àimsir. Cuir Diùc
UiUeara m'an àm so gairm a dh'ionnsaidh gach luchd-
dùthcha mu'n cuairt, iad amhilleadh nanràideanmòra.
agus gach drochaid a bh'air gach slighe a bha na Gàeil
gu ghabhail a bhristeadh sios : ach ged do chaidh sin a
dheanamh, cho luath sa fhuaradh an t-òrdugh ; cha
mhòr maille chuir e air " fir threubhach nan Garbh-
chrioch," ach 's ann a thionndaidh au t-olc a chaidh a
chumadhdhaibhleisanDiùcchumambuannachd. Bha 'n
rathad cho olc aig marc-shluagh an Diùc fèin an uair a
thàinig iad an deigh nan Gàel, is gun deach an astar
am maillead cho luath sa ràinig iad e, air chor is gun
d' f huair na Gàeil gu'm math an ceann orra.
Ràinig an Prionnsa agus a' chuid mhòr dheth an àrm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence