Skip to main content

‹‹‹ prev (116)

(118) next ›››

(117)
[ 113 J
Penrith air feasgar an darra latha diag, acli tliainig tub-
aist an caramh cuideachd dheiridh na feachd a bha fo
chomannda Mhorair Seòras Moireach a thaobh cuid dheth
na carbadan a bha giùlan an cuid trealaich, a dhol as
a chèile le olcas an rathaid, chuir so maille air an astar,
agus thug e comas do 'n chuid bu luaithe de thrùp-
airean Dhuic UiUeam a thighinn suas riu ; an sin thug
Morair Seòras òrdugh do DhòmhnuUaich Ghlinne-Gar-
aidh a dhol na'n còdhail, ach theich na triipairean air
falbh, mu'n d' fhuair na DòmhnuUaich an àite buille no
teine dhaibh.
Bha' chuideachd dheiridh air a deanamh suas de
DhòmhnuUaich Ghlinne-Garaidh, fo' chomannda lain
Ruaidh Stiùbhairt, a bha ma thuaiream dà cheud fear
an àireamh, ach m'an àm so thàinig, Stiùbhartaich. na
h-Apunn, agus na Bàideanaich, rèiseamaid Chluainidh,
'nan ceann, bha iad an sin ma thuaiream mìle fear. An
earalas gun tugadh an t-arm-dearg an ath ionnsaidh orra'
chuir Morair Seòras laiu Ruadh Stiùbhart air aghaidh
gu Penrith a dh'iarraidh mile fear a thighinn gun dàil a
chòmhnadh leis a chuideachd dheiridh. Ma dhol fodha
na grèine thàinig feachd Dhiùc Uilleam, [ma thuaiream
dà f hichead mìle marcach] am fradharc na'n dà chuid-
eachd m'a astar mile 'nan deighe.
A chùm a thoirt a' chreidsinn air an arm-dhearg gun
robh feachd nan Gàèl n'a bu lionmhoire na bha iad,
thug Morair Seòras air cuid dheth na fir bhrataich a
dhol air cùl garadh fada sgithich a bha faisg orra, agus
an cuid brataicheana sgaoileadh achum gu'n saoileadh
Diùc-Uilleam gu'n robh feachd lionmhor air cùl a' ghàr-
aidh. Chaidh Morair Seòras an sin air cheann nam
Bàideanach, agus Cluainidh r'a thaobh. Dh'iath dalla-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence