Skip to main content

‹‹‹ prev (114)

(116) next ›››

(115)
[ 111 ]
an ath latha, le sùil gun robh iad a' triall ann an coinn-
eamh Dhiùc Uilleam agus an airm-dhèirg, bha iad gu lèir
ann an deagh shunnt agus ann am fonn còmhraig ; acli
cho luath sa shoilleirich an latha, sa dh' aithnich iad le
cotharraidhean a bha iad a cuir air na clachan-raile le
'n claidheannan, mar bha iad a dol air an aghaidh,
gun robh iad a nise pilleadh dhachaigh gun bhuaidli, cha
chluinnte measg na h-armailt gu lèir ach osnaich thùrs-
ach agusgearan ! Ged a bha mulad nan daoine mu'n àra
so mòr, bu bheag e seach mulad a' Phrionnsa fèin ; bha
gach dòchas a nis' air seargadh na uchd ; agus bu lèir a
bhlà air a mhala chaoin, chairdeil, — cho fad sa bha e
dol air aghadh le buaidh, chuir e gach cruaidh-chas
agus dosgainn ann an neo-bhrìgh, b'e fèin a' chiad f hear
de'n f heachd a bhiodh air a bhuinn anns a' mhadainn
a' cuir an airm an òrdugh agus a' bhrosnachadh nan
daoin' air aghaidh ; ach a iiise, bhiodh an armailt gu
lèir deas gu triall mu'n eireadh e, agus is gann gun can-
adh e facal connaltraidh ri iosal no uasal bho mhoch gu
dubh.
Bha teicheadh, no ratrcut, an airm aig an àm so air a
stiìiradh le diomhaireachd, seòltachd, agus sgil, air alt
is gu'u robh iad mar bu tric' astar dha latha air thois-
each air an arm-dhearg mu'm bu chomasach do Dhiùc
Uilleam a mheasrachadh ciod i 'n t-slighe a leanadh e
air an ruaig, ach air dha brath cinnteach f haotainn air
an taobh a theich iad, chuir e mile fear dheth na saigh-
dearan coise air muin each as an dheigh agus e f in air
an toiseach, ghabh e rathad Chonmntry tro f hìr dhroch
ròideanathatreòrachadh tre Ultoxester agusCheadle agus
thàinig e gu Macclesjìeld air feasgar an deicheamh latha
de'n mhios, da latha an deigh do na Gàeil am baile sin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence